Skip to main content

‹‹‹ prev (68) [Page 64][Page 64]

(70) next ››› Page 66Page 66

(69) [Page 65] -
IOMRADH AIR CRA OBESGA OILEADH AN T-SOISGEIL LEIS AN
E AG-LAIS SHAOIR.
AIR A CHUR A MACH UA1R 'S AN RA1DH.
Air. 5 ] IANUARAIDH 1. 1876. [A' Phris, Sgillinn.
IOMEADH AIE CEAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL LEIS AN
EAGLAIS SHAOIE.
ITTA turns Phrionnsa Uales do na h-Innsibh 'n a ni anns am bheil mòr chudthroni.
Ma theid a sheòladh gu glie, chi e na 's fheairrd e fhèin, agus faodaidh gu' m Li
cumhachd Bhreatuinn chum maitli air a dhaigneachadb. 's an tir. Ach mur bi,
faodaidh call mòr a thighinn an cois na ni e. Is mòr am feum a th' ann air
ùrnuighean pobuill Dhè as a leth. Thug e leabhraichean luachmhora leis mu ghnothuichean
na h-Airde an Ear, chum gu 'm faicear gu' m bheil taobh aige ri ionnsachadh na tire. An
uair a ghabh a' Bhan-righ oirre bhi 'n a Ban-iompairear air na h-Innsibh an Ear, dh'
aidich i Iosa Criosd. Is bochd inur dean a mac mar an ceudna.
Tha e ri chomharrachadh gu bheil clach-chuimhne gu bhi air a cur suas ann am baile
Haddington, mar ehuimhneachan air an duine mhòr sin leis an Tighearn, Eoin Knox, duine a
chuir coman air Alba, agus nach urrainn dol à cuimhne a luchd-àiteachaidh fhad 's a bhitheas
meas air an diadhachd.
Cha bhi e na 's neo-thaitniche leis na Gaidheil a bhi 'cluinntinn gu 'n deachaidh clach-
chuimhne eireachdail, thlachd mhor, a chur suas aig Ceann Locha Eanach mar ehuimhneachan
air Dughal Bochanau, ùghdar diadhaidh nan laoidhean spioradail air am bheil na h-uiread
de mheas aig sluagh na Gaidhealtachd. Cha-n 'eil Gaidheal do 'n eòl saothair a bhaird
chumhachdaich ud, nach abair le acn ghuth gu 'm bu mhaith an airidh.
Is maith bhi 'faotainn fìanuis o neach aig nach 'eil dad de chairdeas ruinn. Thubhairt
Canon Liddon ann an Lunnun, ministear ainmeil 's an Eaglais Shasunnaich, o cheann
ghoirid mu 'n Eaglais Shaoir, " Cha-n iarrainn bhi air dheireadh ann am bhi ag aideaehadh,
gu bheil fiaehan air an cur, cha-n ann a mhàin air Criosduidhean Albainn, ach air Eaglais
Chriosd air feadh an t-saoghail, leis an eisempleir urramach, chliùthoilltinneach, tha Eaglais
Shaor na h-Alba a' toirt doibh, ann a fèin-àicheaidh agus ann a h-eud airson aobhar an
Tighearna." An uair a labhras a leithid-sa mar sin, cha b' e an là gu bhi 'iuarachadh rithe
'us ri a fianuis. Tha sinn a' faicinn roinn de 'n t-sluagh aice ann an Sgireachd Ghaidh-
ealaich 'g a treigsinn, agus a' gairm mhinisteir de 'n Eaglais againne a dh' ionnsuidh na h-
Eaglais Steidhichte, agus esan ag aontachadh leo. Ach tha aon ni soilleir o na thachair
'sa chùis, nach urrainn ministear saor dol a stigh do 'n Eaglais Steidhichte gun a bhi 'cur cùl
a chinn ris an Eaglais Shaoir ; agus rinn am ministear ud sin. Ciod a theireadh Maighistir
Mac Leoid urramach nach maireann, a bh' aca, nam faiceadh e an car a chuir cuid de
mhuinntir Uige dhiubh ?
JOHN GREIG AND SON,]
[l-KINTEKS, EMNbURGH.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence