Skip to main content

‹‹‹ prev (70) Page 66Page 66

(72) next ››› Page 68Page 68

(71) Page 67 -
lanuaraùlh 1. 1S76.] IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
(37
air aithris gu-m b'abhaist do mhòran teachd g' a
disdeachd o Thairbeairt agus o Eadardun. Bha Iarla
Mhoraidh — "an Tàìni&tear Maith," mar theirteadh
ris — co toilichte le staid Bliaile-dhuthaich 's gu-n
d' thug e cùbaid do 'n sglreachd, de 'm bheil mìrean
a làthair fathasd. An dèigh do 'n cheud rìgb. Seumas
cathair Shasuinn fhaighinn, thug e toil do 'n Eaglais
easbuigich ; agus dh' fheuch a rnhac— a' cheud rìgh
Tearlach— r'a cur suas ann an Alba, ni a threòruich
gu geur-leanmhuinn cuid de na daoinibh 'bu mhò a
bha riamh 'n ar dùthaich— Melville, Welsh, Bruce,
Rutherford, agus an leithide sin. Mar sin bha an
Cùmhnant air ath-nuadhachadh an Duineidin 's a'
bhliadhna, 1638. B' e Iarla Chataoibh an ceud
duine a chuir 'ainm ris : agus b' ann tre Sheanailear
Munro — mac Sheòrais Munro Obsdail— a chuireadh
e tre Shiorramachdaibh_Bhainbh, Mhoraidh, Inbhir-
nis, Rois agus Chataoibh, chum ainmean a chur ris.
Mar so thilgeadb easbuigeachd bun os cionn ; ngus,
's an aimsir a thiiinig an dèigh sin, shuidhicheadh
ministearan urramach an Seanadh Rois, am measg
an robh Mr Tomas Ros, Ghinn a' chàrduinn ; A.
Ros, Bhaile-dhuthaich ; Tomas Hog, Chill- tigh earn;
Ian M'Mhaolagain, Fhoirididh ; Uisdean Andarson,
Chrombaidh ; agus Ian M'Culoch, Aird nan saoir,
a bha an tràth sin an Clèir na Cananaich. An uair
a dh' aisigeadh righ Tearlach II. do 'n righ-chaithir,
dh' ath-shuidhicheadh an Eaglais Easbuigeach, agus
thilgeadh ceithir cheud de mhinisteiribh diadhaidh
Alba mach as an eaglaisibh ; agus chuireadh suas
na ' : frith-mhinisteirean dubha " 'n an ùit. Lean
na ministearan a thilgeadh a mach air searmon-
achadh, aig cunnart am beatha ; agus lean mòran
de 'n t-sluagh air an èisdeachd. Air do dhian
iarrtas a bhi aig pobull an Tighearna gu-m bitheadh
Sàcramaid na Suipeirair a frithealadh dhoibh, chuir
cuid de na teachdairibh ud rompa an t-òrdugh
naomh a choimhead aig Obsdail. Bha Mr Mac
Mhaolagain, Mr Andarson, agus Mr Friseal, Dheabh
aidh, air ceann na seirbhis. Le h-òrdugh an eas-
buig, chuir an Siorra cuideachd shaighdear a ghla-
cadh Mhr Mhic Mhaolagain ; agus an uair nach d'
fhuair iad an duine còir n' a thigh fèinan Alanais
thòisich iad air spùinneadh a ghàraidh ; ach am
feadh a bha iad-san a' goid ùbhlan a' mhinisteir,
chaidh teachdair a dh' innseadh do 'n choithional
m' an cunnart. A chionn so, bha' a' cheud chuid
de 'n t-seirbhis thairis, agus dh' fhalbh iad g' am
folach fein. Fhuair Mr M'Mhaolagain fasgath an
tigh Obsdail, fo chaithir an Ridir Iain Munro, a
rinn, ìe 'chalpachan mora, fholach air chor as gu-n
d' fhàg an saighdear an tigh gun 'fhaotainn. An
uair a dh' fhalbh na saighdearan, thional an sluagb
a ris, agus chviochnaicheadh seirbhis an là ann an
sith. Mar thoradh oibre an la sin, bha dùsgadh
mòr air feadh na dùthcha.
Chomh-dhùin Mr Aird an t-searmon le bhi ag
ràdh gu-n robh iadsan, a nis, air cruinneachadh
chum cuimhne a chumail air na nithibh a thachair
's na laithibh ud, air chor as gu-m bitheadh òg 'us
sean a' gabhail gu cridhe nam flrinn mora agus ro
chudthromach ud d' an d' thug ar n-aithrichean
spèis, agus air son an d' fhuiling iad geur-lean-
mhuinn.
An dèigh na Gaelig, shearmonaich Dr Ceanadaidh,
à Inbhirfeothairean, 's a' Bheurla, o thoiseach an dara
Sailm thar dha fhichead. Labhair esan gu deas-
bhriatharach agus gu drùighteach, mar a 's gnàthach
leis. Is doilich leinn nach urrainn duinn cunntas
aithghcarr a thoirt d' a shearmoin-san, no de shear-
moin Mhr Nicson, Mhonròs, a labhair e 's an fheas-
gair o 'n earrainn, 1 Cor. iv. 20.
Bha iad le chèile ag earalachadh a' choithionail
cumail dlùth ris an fhirinn, agus gun a trèigsinn
air son ni, no neach 'sam bith.
SAOTHAIR NA H-EAGLAIS AIG AN TIGH.
HOME MISSION.
Tha e iomchuidh a thoirt fainear, 'n uair a tha sinn
a labhairt mu shaothair na h-eaglais aig an tigh, gur
e tha againn gu h-àraidh 's an t-sealladh fo 'n
cheann so, an obair air a Mhachair, no a' Ghalldachd,
mar a their sinn. Mar a chithear le'r luchd-leugh-
aidh, tha, ann an àit eile de 'n phaipeir so, iomradh
air a dheanamh air leth, o am gu am, air cùisean 's
a' Ghaidhealtachd.
Tha Albainn, gun teagamh, ainmeil am measg
rioghachdan an t-saoghail air son cothroman fògh-
luim, agus meadhonan nan gràs ; agus tha aobhar a
bhi 'creidsinn gu bheil eòlas agus diadhachd a'
bnadhachadh innte, a dh' aindheoin gach cùis-
bhacaidh, ann an tomhas cho mòr a 's a gheibhear
iad ann an tir'fo 'n ghrèin. Gidheadh tha e 'n a
aobhar bròin agus cianalais do neach aig am bheil
spèis d' a dhuthaich gu' bheil mòran ionadan fàsail
innte, — mòran de 'n t-sluagh ann an dorchadas agus
sgàile a' bhàis. Tha iomadh ceàrna air an dùthaich,
an sud 's an so, anns am bheil cothroman an t-soisgeil

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence