Skip to main content

‹‹‹ prev (41) Page 37Page 37

(43) next ››› Page 39Page 39

(42) Page 38 -
38
EAGLAIS SUAOIt NA H-ALBA.
[lubiìdh I. 187.3.
geulach. Anns a' cheàrnaidh chcudna tha an diugli
tuilleadh 'us tri mile teaghlac'h, no mu thimcliioll
cuig mile deug anam, agus, cho f'had 's a 's urrain-
near a mheas, o 'n àireamh thigheau a tha gu bhi
air an togail, air cheann na Fèìll-màrtuinn so tigh-
inn, bithidh tri mile leasachaidh air an cur ris an
àireamh.
Ach mar tha an obair a' meudachadh, tha e
soilleir nach urrainn aon eho-thional breth air a
deanamh. Tliionnsgain uime sin an Coniunn a
dh' ainmich sinn air ullachadh a dheanamh air
son eaglais eile e thogail ann an àite freagarrach,
so-fhaicsinn. Ach 'n uair a bha iad a' dol air an
aghaidh, thàinig grabadh 's an rathad o cheàrnaidh
o nach robh sùil ris, agus o chuid nach d' rinn ni
riamh a bheireadh còir dhoibh air tighinn 's an
rathad. Tha so coltach ri mòran de dheanadais na
pàirtidh cheudna, agus tha e a' dearbhadh ciod a'
bhrlgh a th' anns na dh' aidicbeas iad le 'm boòil.
MAYFIELD AlO DuNEIDIN.
Is frith-bhaile de Dhuneidin so, air taobh deas
agus an ear-dheas do' n bhaile. Tha e a' meud-
achadh gu bras le sluagh as a bhaile bhi a' togail
an cimhnuidh ann ; agus do bhrigh gu bheil an
eaglaisean fhein 's a' bhaile tuilleadh 's fad uatha,
tha iad a' mothachadh am feum air eaglais shaor
anns an àite. Thainig iad dh' ionnsuidh Clèire
Dhuneidin o chionn ghoirid le iarrtus gu 'm biodh
ionad-searmonachaidh air a chur air chois, agus
chaidh an iarrtus a dheùnachadh gu toilcach.
Cambusbarron.
Tha an t-aite-searmonachaidh so laimh ri Si uidh-
lath. Tha dà cheud deug anam 's a bhaile, agus
cha-n 'eil os ceann an dara leth dhiubh a' dol gu
eaglais no meadhon air bith. Tha àite aoraidh
beag air ullachadh anns am bheil ceud gu leth a'
frithenladh dheth 'm bheil os ceann ceud 'n an
luchd-comunachaidh.
Keig acus Tough.
Tha Dr Smith, ministear na h-Eaglais Saoire 's
an àite so a' toirt cunntais mu sbaothair aon de na
soisgeulaiche a tha air an cur a macb. Bha am
fear so, Mr Steven, ùine àraidh a' saothrachadli
.anns na sgìreachdan mn 'n cuairt air Keig agus
Tough, ann an Siorramachd Abah'eadhain. Tha
Dr Smith a' sgriobhadh gu 'n robh coslas drùghaidh
mòire air an t-sluagh fuidh èisdeaehd na fir inn.
IOMSADH
Mu Eaglaisean Chanacla, Australia, agus New Zealand 1 a tha an daimh ri Eaglais
Shaoir na h-AlLa.
Tua an cunntas a th'air a thoirt, air na nithe a bha
air an deanamh agus air an labhairt, ann an Ard-
Sheanaidhean Eaglaisean nan Colonies, a nis fa 'r
comhar. Tha an cunntas so air iomadh doigh a'
toirt misnich duinn, a thaobh an dòigh anns am
bheil aobhar an Tighearna a' soirbheachadh anns na
cearnaidhean ud, an t-eud a tha air a thaisbeanadh,
agus am mòr dhùrachd leis am bheil na h-Eaglaisean
ud, a' saothrachadh ann am fion-lios an Tighearna.
Tha so gu sonruichte 'n a mhisneach gu bhi ga 'n
cònihnadh, araon ann a bhi 'cur mhinistearan, agus
mar an ccudna maoin-chuideachaidh do 'n ionnsuidh.
AUSTRALI A.
Tha an cunntas a th'air a thoirt air Eaglaisean na
cearnaidh so, a' nochdadh gu soilleir, gu 'm bheil mòr
shoirbheachadh na 'm mcasg. An uair a bheachd-
aicheas sinn, gu 'm bheil a' cheud mhinistear a chaidh
do 'n dtùhaich so beò fathast, tha aobhar gàir-
deachais againn ann am bhi 'toirt faincar, na nithe so
aleanas. Tha ceud agus cuig mile fichead de shlu igh
an sud. Tha anns an Eaglais Phresbiterianaich
125,000. Tha ceud agus cuig-deug thar fhichead
de mhinisteirean aca. Tha da cheud agus deich thar
fhichead de dh' Eaglaisean aca ; air chùl nan àitean-
aoraidh eile, anns am bheil cuid diubh a' coinn-
eachadh. Tha ceithir mile deug diubh 'nan luchd-
comunachaidh. Tha fagus air ceithir cheud Eil-
deirean aca. Tha fagus air tri mile fichead de chloinn
anns na sgoiltean Sàbaid aca, fo theagasg da mhile
agus còrr, a tha 'teagasg na cloinne so, ann an eòlas
focal an Tighearna. Tha Oil-thigh aca maranceudna,
gu bhi 'togail suas mhinistearan Oga.
QUEENSLAND.
Ann am freasdal an Tighearna, a tha 'riaghladh
thairis oirnn uile, thachair briseadh muladach ann
an Eaglais na Mòr-roinn so, le bàs Mhr M'Gavin,
Ministear Baile Bhrisbane.
Tha Mr Ogg a tha 'na mhinistear anns a bhaile

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence