Skip to main content

‹‹‹ prev (42) Page 38Page 38

(44) next ››› Page 40Page 40

(43) Page 39 -
ftdaidh 1. 1S75.] IOMRADH AIR CRAOBHSG
AOILEADH AN T-SOISGEIL.
39
ehcudna, a' labliairt mu 'n bhriseadli so mar a
leanas — ■
" Cha 'n eil duiu' againn " arsa Mr Ogg, " a 's
urrainn, aig an àm so, 'àite sheasamh no a chubaid a
lionadh mar bu mhaith leinn so a bhi. A thuill-
eadh air so, tha ' Loowoomba ' gun mhinistear, air
chùl tri cho-thionalan eile, anns na cearnaidhean far
am bheil mèinean (mines). Tha na mèinean òir, a
fhuaradh a mach dlù air amhainn Palmer, air mòr
shluagh a tharruiug a dh' ionnsuidh na cearnaidh
so, agus tha baile nuadh air èiridh, do' n ainm Cook-
town, anns am bheil milltean do luehd àiteachaidh
a cheana air tuineachadh.
VICTORIA.
Tha Dr Domhnullach, aon de mhinistearan na
Mòr-roinn so, a' sgriobhadh mar a leanas a dh'
ionnsuidh Ceann-suidhe na buidhne, air am bheil
ciirain nan Colonies : —
" Buidheachas duit airson an fhios a chuir thu
d' ar n-ionnsuidh, agus airson an dithis mbinis-
tearan a tha air an cur a mach. Cha robh sinn
riamhna's feunraaiuhe. Thaochd cothionalan againn
gun mhinistearan, air ehùl gu 'm bheil ionadan
eile, anns am faigheamaid co thionalan, na' m
biodh ministearan againn a shaothiaicheadh na 'm
measg."
NEW SOUTH WALES.
Tha Mr Cameron a tha 'na mhinistear ann an
Richmond, anns a Mhòr-roinn so, a' sgriobhadh mar
a leanas. " Tha e 'na ghàirdeachas domh innse,
gu 'm bheil tuilleadh soirbheachaidh anns a' chear-
naidh so o chionn bliadhna air ais, Da bh' ann o
chionn iomadh bliadhna. Ach tha àitean falamh
againn fathast, agus ma bhios ministearan òga
deùnach air a thighinn a mach an so, gheibh iad
raon farsuing gu saothrachadh ann, agus faodaidh
iad mar an ceudna 'bhi cinnteach gu 'm faigh iad
maoin-chuideachaidh. Tha pailteas airgid againn,
agus tha an sluagh deònach air a chompairteachadh
gu ministeirean a chumail suas."
NEW ZEALAND.
Tha Mr Sidey a tha 'na mhinistear ann am baile
Napier — aon do bhailtean an eilein so, a' sgriobhadh
mar a leanas : —
" Tha mi direach air pilltinn o choinnimh Ard-
sheanaidh ar n-Eaglais, a bha cruinn ann am
baile Wellington, agus a bha 'na coinnimh ro
thaitneach. An deigh do bhuill na coinnimh
cùmhradh 'bhi aca mu 'n chuis, dh' aontaich iad
maille ri cheile teachdaireachd a chur 'dh 'ionnsuidh
na h-Eaglais an Alba, a dh' iarraidh orra cuid-
eachadh a dheanamh leo, a chum Eaglaisean a
thogail, agus a chumail suas rè beagan uine, gus
am biodh iad comasach air so a dheanamh air an son
fèin. Tha so anabarrach feumail. Tha Eaglaisean
òga cosmhuil ri naoidheanan a 's èigin altrum, gu-j
an d' thig iad gu inbhe agus neart. Tha sinn- an
dùchas nach diultar so dhuinn leis an Eaglais aig
a' bhaile. Tha sinn gu mòr an eisimeil cùmhnaidh.
Tha Ceann-suidhe Ard-sheanaidh Eaglais New
Zealand, a bha cruinn o chionn ghoirid, mar a dh'
ainmich sinn, a' co-dhùnadh nam briathran deir-
eanDach a labhair e, mu 'n do sgaoil a' choinnimh,
mar a leanas : —
" Chunnaic mi 'ars' esan,' an Eaglais so, air
dhomh a thighinn air tùs do 'n dùthaich so, 'na
plannd beag anmhunn. Ach air dhi 'bhi air a
h-altrum ann bhur lamhan-sa, mo bhraithrean —
air a h-uisgeachadh o shuas, a chuid agus a chuid,
sgaoil i mach a freumhan, agus a geugan mar an
ceudna. 'N uair a thainig mise gu New Zealand, o
chionn fagus air naoi bliadhna dcug, maille ri
triiiir mhinistearan eile, bu sinn a cheud triuir a
chuir air tùs air chois Clèire Aucland. Cha robh
aig an àm sin, ach aon Chlèir eile ann an New
Zealand — Clèire Otago, a chaidh a chuir air chois
beagan roimhe so, agu^ anns nach robh ach triiiir
mhinistearan. Bha mar an ceudna co-thionalan
beag eile an so agus an sud ; a' chuid bu mhò
dhiubh, ann an Mor-roinn Wellington. Ach a nis
tha ann an Eaglais New Zealand, aon Chlèir deug —
da Shynod — maille ri Ard-sheanadh, agus fagus air
ceithir fichead agus deich de mhinistearan, agus da
cheud Eaglais. Tha so a' nochdadh gu soillear nach
do chaill am Biobull a chumhachd — gu 'm bheil
eifeachd ann am focal an Tighearna ; agus fadheòidh
gu 'm faigh sinn a' bhuaidh, ma bhios sinn dlleas do
ar Ceann glòrmhor, agus d'a aobhar beannaichte."
Tha cruinneachadh airgid gu bhi air a dheanamh
anns an Eaglais Shaoir air a mhios so (June) gu bhi
'còmhnadh nan Eaglaisean ud.
Tha Ceann-suidhe a' Chomuinn air am bheil cùram
a' ghnothuich so, a' sgriobhadh mar a leanas a dh'
ionnsuidh co-thionalan na h-Eaglais againn.
" Cha-n urrainn e 'bhi air a ràdh" 'ars' esan'
"gu 'n do dhi-chuimhnich sinn gu tur an dleasdanas
a tha na luidh oirnne mar Eaglais, còmhnadh a ch ur a
dh' ionnsuidh nan Colonies. Chuir an Eaglais Shaor
tuilleadh agus a cheithir uiread de mhinistearan gu
Australia, agus a chuir Eaglais air bith eile. Gidh-
eadh thachair e, do Ishrigh agus an deigh so uile
gu 'n robh an aireamh tuilleadh agus beag, gu 'n
do cheangail moran de 'n t-shluagh againn iad fèin
ri Eaglaisean eile, far nach robh ministearan
againn air an son.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence