Skip to main content

‹‹‹ prev (40) Page 36Page 36

(42) next ››› Page 38Page 38

(41) Page 37 -
luhihlh 1. 1S75]
10MRADH AIR OEAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
37
SAOTHAIR NA H-EAGLAIS AIG A' BHAILE.
HOME MISSION.
Tiia an e~rainn so de 'n obair ag agradh an
tuilleadh agus an tuilleadh cùraim agus dichill o
bhliadhna gu bliadhna, mar tha sluagh a' dol an
lionmhorachd, gu h-àraidh ann am bailtibh mora
agus ann an àitibh 's am bheil mèineadairean guail
no iaruinn ììonmhor. Tha e do-sheachnaidh eadhon
chum tearuinteachd agus soirbheachaidh aimsireil
na rioghachd, gun luaidh air lunch anaman neo-
bhàsmhor, gu 'n ruigeadh an soisgeul air an
lcithidibh so. Tha fios aig ar luchd-leughaidh gu 'm
bheil ar n-Eaglais a' gabhail cùraim sonraichte de
'n aobhar chudtbromach so ; gu 'm bheil tional air
a dheauamh 'nan co-thionalaibh uile air a shon aon
uair 's a' bhliadhna; agus gu 'm bheil ministcar ro
cbùiseil, tapaidh, air a chur air leth gu bhi 'seall-
tuinn thairis air, agus gu bhi 'toirt iomraidh mu
thimchioll o dm gu am. " Tha ro-mhùran fearainn
fathast r' a shealbhachadh." Agus ciod air bith
eaglais no hite searmonachaidh a dh' fheudas bhi air
fhosgladh an sud no an so, 's e an dòigh air an
t soisgeul a sgaoileadh gu 'm biodh gaeh aon fa
leth a tha g ainmeacheadh ainme Chriosd, 'g a
ghabhail mar chùram pearsanta, agus a' rùnachadh
'• Air sgàth Shioin cha bhi mi a' m' thosd, agus air
sgàth lerusaleim cba gliabh mi fois, gus am bris a
fireantachd a mach mar sholus dealrach, agus a
slàinte n.ar leus lasarach."
Air a bhliadhna 'chaidh seachad bha an earainn
so do obair na h-Eaglais air a beannachadh gu mòr.
Bha aimsir fiosrachaidh gràsmhor, ann an tomhas
neo àbhaiteach, aig iomadh cèamaidh, ann am
bailtibh agus air an dùthaieh, an co-cheangal ri
saothair mhinisteirean agus luchd-oibre eile.
Tha Dr Adam a' toirt gèarr-ehunntas mu na
h àitibh a lean as.
New Cumncck.
Bha eaglais iaruinn air a togail o chionn ghoirid
's an àite so, am measg luchd cladhach' guail a tha
'dol an lionmhorachd ann. Tha beannaclid nach
ber.g air leantuinn saothair an t searmonaiche (Mr
Nivcn) a chuireadh ann. Bha Sàcramaid na
Suipeir air a fbrithealadh ann air an earrach so
'chaidh, r.gus shuidh os ceann leth-cheud pearsa aig
a' bhòrd.
Hawick.
Is baile mcr so a tha fagus do 'n chrich
Shasunnaieh. Bha dithis shoisgeulaiche a' saoth-
rachadh car ùine 's an t-seann eaiainn de n
bhaile, far am bheil an sluagh an cumantas ro mhi-
chùramach, agus fuasgailte 'n an caithe-beatha.
Bha iad a' dol o thigh gu tigh a' toirt seachad
leabhragan (tracts) agus a' labhairt focail earail.
Bha iad a' cumail choinneamhan, mar an ceudna,
air son an soisgeul a shcarmonachadh. Air feasgair
nan Sàbaid a bha na daoine 's a' bhaile bha araon
an eaglais agus an tigh-sgoile làimh rithe làn
luchd-èlsdeachd. Air feasgair seachduin bha eadar
leth-cheud agus so fichoad a' frithealadh. Bu mhòr
so ann an ceàrnaidh 'bha air dol cho fada fodha ann
am mi-chnram, agus am mi bheus.
Glascto.
Anns a' bhaile mhòr so anns am bheil sluagh a'
dol an lionmhorachd cho bras, bha o chionn beagan
bhliadhnachan air ais airgiod air a chur cruinn a
tha air a riaghladh le comunn co-cheangailte ris an
Eaglais Shaoir, air son eaglaisean a thogail. Air
an da bhliadhna chaidh seachad bha cuideachadh
air a thoirt air son ceithir eaglaisean deug a thog-
ail. Tha an tomhas soirbheachaidh a tha aig na
coimhthionalan a bha mar so air an cuideachadh 'n
a aobhar taingealachd, agus 'n a bhonn misnicb do
'n chomunn gu dol air an aghaidh mar tha iad a'
rùnachadh a dheanamh. Bha coinnimh aca o
chionn ghoirid aig an robh iomradh (Report) mu 'n
obair air a tha'bbairt, a dh' fheudadh bHi 'a a chùis-
bhrosnachaidh do mhuinntir eile gu dol agus
deanamh mar an ceudna.
Tha e 'n am beachd eaglais iaruinn fhaotaiim.
Feudaidh fios a bhi aig cuid do' r luchd-leugbaidh
gu bheil an seòrsa thighean so air an cur x' a
cheile air dhtjigh a 's gu 'n gabh iad toirt as a
chèile, agus a rithisd bhi air an cur an altaibh a
cheile ann an àite 's am bith chum am faicear
iomchuidh an atharrachadh. Bhiodh e 'na chothrom
mòr do cho-thional air ùr-thoiseaehadh iasad
fhaighinn, car bliadhna no dhà, do eaglais de 'n
t-seorsa so : 'na dhcigh sin ghabhadh iasad dhi bhi
air a thoirt do kite feumach eile.
Oatlands an GLAscno.
Tha againn an so saimpleir dhe 'n obair a tha
r' a deanamh. 'N uair a thòisicheadh air saoth-
raehadh '$ a choimhearsnachd le coimhthional
eaglais Angustin, o chionn tri bliadlma, bha mu
thimcbioll da cheud dcug teaghlach achòmhnuidh
air an taobh an ear do Mhathieson Street, agus iad
uile an taobh a mach do na h-uile mendhon sois-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence