Skip to main content

‹‹‹ prev (20) [Page 16][Page 16]

(22) next ››› Page 18Page 18

(21) [Page 17] -
IOMRADH AIR GRA OBES GA OILEADH AN T-SOISGEIL LEIS AN
EAGLAIS SHAOIR.
AIR A CHUR A MACH UAIR 'S AN RA1DH.
Air. 2 ]
APRIL 1. 1875.
[A' Phris, Sgillinn.
IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL LEIS AN
EAGLAIS SHAOIR.
|gf|HITHEAR a' mhòr chuid de na tha ri aithris mu obair na h-Eaglais Saoire o
cheann ràidh arms na leanas. Ach tha aon ni ri innseadh a tha sinn a' creidsinn
a bhitheas clro taitneaclr le luchd-aiteachaidh na Gaidliealtaclid 's a bhitheas e le
slùagh eile *s an fir. Clruala iad uile mu Dhr DaibEidh Livingstone no Mac an
Leigh, mar a theirear ris 's a chainnt so> a fhuair bàs ann an Africa o cheann faisg air da
bhliadlma. Bha an duine ainmeil so de theaglacb Gaidhealach ann an Eilean Ulabba, air
taobb siar Mhuile. Bha a sheanair am blàr Chulfhodair leis a' Phrionnsa. Bu duine
comharraichte e f'hèin — fìùghail, fearail, foghluimte, agus fior dhiadhaidh. Chaifh e a' chuid
a b' fhearr d' a là a' rannsachadh 's ag iarraidh eòlais air dùtbchanna dorcha meadhoin
Africa, le sùil ri dà ni, craobhsgaorleadh an t-soisgeil, agus an tràillealachd thruagh mliaslach,
reic 'us ceannach dhaoiue mar na h-ainmhidhean, a tha 'n a chleachdadb am measg an
t-sluaigh, a chur fodha. Co nach cuireadh leis 'n a run ? Ach dh' ioc e air an oidhirp le a
bheatha. Tha e nis a' mealltuinn duais na 's airde na 's urrainn daoine a thabhairt da, ach
cha b' airidh gu 'n rachadh 'ainm no a shaothair à cuimlme.
Thainig e stigh air inntinn Gaidheil chliuitich eile, Dr Seumas Steuart, ministear an
Africa mu dheas, agus mac bràthar do Mhr. Steuart a bha roimhe so 'n a mhinistear ann an
Sgireachd Mhichaeil an Siorramachd Pheairt, gu 'm buincadh Teaehdaireachd-soisgeil a chur
gu meadhon Africa mar chuimhneaclian air Mac an Leigh mòr, agus gu' n tugadh iad Living-
stonia mar ainm air. Tha so nis air a chur air seòl, agus cha robh bu mhò rinn a chuid-
eachadh ris na an Gaidheal fmghail ud eile, Dr Duff. Tha dithis dhaoine uailse diadliaidh,
aghartach, fear diubh 'n a chaiptean luinge an Cabhlach mòr Bhreatuinn, air iad fhèin a
thairgseadh chum cuideachadh ann an ceud thoiseach na h-oidhirp, tha an t-àite air a roghn-
achadh, agus cha-n fhad gus am falbh na teachdairean.
Tha an Eaglais Shaor a 'dol air cheann na h-oibre a tlia an so Tha àite 'us àite an Africa
mar tha far am bheil a teachdairean a' saotbiachadh, ach tha i a nis a 'toirt ionnsuidh air
dorus eile fhosgladh chum an soisgeul a leigeadh a stigh air an t-sluagh bhochd, shàraichte
ud. Tha an Eaglais Phresbitereach Ath-leasaichte a 'dol maille rithe 's a chùis, agus tha iad
eadorra air an guallainn a chur ri deich mile puinnd Sasunnach a thional mu choinnimh an
aobhair, agus tha a' nihòr chuid de sin air a ghealltuinn mar tha. Gu 'm b' ann a rachadh leis
an obair bheannaichte so gu mòr. Leanadh sluagh an Tighearna iad le 'n ùrnuidliean, agus
deanadh iad gleachd làidir aig cathair nan gràs, ag iarraidh gu 'n tigeadh an là le cabliaig
's an lion glòir an Tighearna Africa dhoreh, thruagh, a tha nis mar gu 'm bitheadh e 'n a
ifrionn air an talamh do na tha a' chomhnuidh ann.
PRINTED BY JOHN GREIG AND SON,] [3 BROWN SQUARE, EDINBURGH.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence