Skip to main content

‹‹‹ prev (21) [Page 17][Page 17]

(23) next ››› Page 19Page 19

(22) Page 18 -
IS
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[April 1. 1875.
A' GHAELTACHD AGUS NA H-EILEANA.
AtH-BHEOTEIACUADU ANN AN TlRlDU.
Tha fìo9 aig na Gaidheil gu 'ra bheil Buidheann,
no Committee, le Ceann-Suidhe freagarrach air a
chomharraohadh le Ard-Chlèir ar n-Eaglais chum
cùram a ghabhail de na cearnaibh Gaelach anns
nach 'eil aodhairean air an suidheachadh, ionnus
gu 'm biodh focal maith na beatha air a fhrithealadh
dhoibh ; agus cba bheag an cùram e, ma bheir sinn
fainear farsuingeachd na dùthcha, aireamh nan
eilean, ngus cho sgapta 's a tha 'n sluagh. Ged is e
dleasdanas luchd-saothraeh' a 'm fion-lios an Tigh-
earna saothrachadh gu dian 's gun stad, ma tha iad
'faicinn toradh an saothar no nach 'eil, gidheadh
tha e 'na mhòr mhisneachd an saothair a bhi air
aideachadh gu follaiseach leis an Tighearn.
A reir sin, tha s'mn le mòr thaitneas, a' toirt na
litreach so a leanas, o aon de mhinisteaian lie, gu
h-àraidh mu 'n ath-bheothachadh a thòisich re na
bliadhna' 'chaidh seachad, agus, mar tha sinn a'
tuigsinn, a tha 'dol air aghaidh fhathast ann an
Tiridh " iosal an eorna," mar theirtear ris an
eilean 's na laithibh o shean : —
" Mannsa Shaor Plwrt-Elein, lie.
an t-ochdamh la de Deer. 1874-
" An t-Ollamh MacLachlainn, — Bu mhiann
leam cluinntinn am bheil dòchas 'sam bith gu 'm
faigh sibh na tha feumail airson 'n Endowment
Scheme agaibh, ma 's cruinnich an ath Ard-chlèir.
Tha mi dearbhta na 'm b'eol do mhuinntir nàdur
agus farsuingeachd, 'suireasbhuid bean nan cearnaidh-
ean as leth 'm bheil sibh a' tagradh, gur h-aith-
ghearr 's gur cridheal a fhrithealadh iad dhe 'm
maoin chum na criehe tha n'ur n'-aniharc. Tha
aobhar na h-Eaglais Saoire n ar n-eilean fein (lie)
gu mòr air a bheothachadh le sùil ri duine òg
cliuiteach a bhi 'n uine ghoirid air a shuidheachadh
mar mhinistear ann am Portnahamhain, agus sin
mar thoradh 'ur n' oidhirpean fèin. Tha taingealachd
an t-sluaigh do ar n-Eaglais, agus dhuibh fein 's 'm-
Committee mar innealan na h-Eaglais na 's mò na
dh' f heudar chur an' eainnt. Tha iad a' faireachadh
ged bha mòr fhoighidin aca ri ehleachdadh, agus sin
am measg mhòran aobhar mi-mhisnich, gu bheil
an gràdh do 'n Eaglais Shaoir a nis air aideachadh
air dhoigh a tha ga 'n lionadh le taingealachd agus
mòr mhisneach.
" Bha bròn orm, nach b' urrainn domh, a reir 'ur
n iarrtuis fein 'dhol a ris a dh' fhaicinn muinntir
Thiridh. Acb o 'n bha mi 'n sin, bha litrichean gach
seachduin 'a giùlan iomraidh ro thaitnich air an
obair gràis tha' dol air aghaidh na 'm measg. De
na cearnaidhean uile far nach eil ministearan
suidhichte fhathast, tha mi 'meas gu 'm buin a'
cheud àite ann an aire 'ur Committee agus ann am
fialaidheachd chairdean ar n-Eaglais do Thiridh.
Bha 'n sluagh gu mòr air am misneachadh leis na
teachdairean ùrramach a chuireadh leis an Ard-
Chleir do 'n Eilean rè foghair 1872, agus mar an
ceudna le sùil ri Tigh - aoraidh fhaighinn air a
thogail. Tha e fior naeh 'eil luchd-leanmhuinn na
h-Eaglais Saoire cho lionmhor s' ann an cuid eile
dh' àitibh, ach an t-àite th' aig an Eaglais Shaoir ann
an gràdh an t-sluaigh, agus am muinghinn innte,
agus &in gu h-àraidh tre shaothair luchd-teagaisg
Comuinn nam boiiionnach uasal ann an Duineidin,
cha 'n urrainnear a thuigsinn, ach leosan a mhàin
tha gu mean-eòlach air an t-sluagh agus air an tir.
Tha sluagh na tire 'n aireamh ma thri mile (3000),
agus tha 'n dèigh, aig an àmsa, air teagasg agus
orduighean diadhaidh, anabarrach. Tha an t-Urr.
Mr. Caimbeial à Ardnamurchan an sin an dràsda,
agus tha meas mor ac' air a shaothair.
" Airson iomadh aobhair dh' fhaodtadh a'bhliadh-
na-sa, bhi air a h-ainmeachadh mar bhliadhna na
teachdaireachd (the mission year) ann an Alba.
Tha Teachdaireachdan ura air an cuir air chois,
agus tha Mi$sionan ar n-Eaglais fhèin 'a nan
Eaglaisean uile, aig a' bhaile agus an cèin, air an
ùr-neartachadh. Agus 's cinnteach ri leithid a
dh' àm, nach bi obair chudthromach 'ur Committee
fein air a dearmad. 'Se tha gu sònruichte feumail,
agus gu h-araidh 's a' cheud àite, gu 'm biodh na
co-thabhartasan (contributions) feha air an cur a
steach thugaibh gu mòr air am meudachadh n' an
aireinih agus nan shim, 'chum 's gu 'm biodh àitean
bnchd, uireasbheach, air an deanamh cinnteach de
mheadhonan nan gràs le Endowment. Tha ann
an Tiridh tighean-sgoil dh' fheudtadh bhi air an
cur gu buil car ùine, mar stationan searmonachaidh.
B' urrainnear tigh freagarraeh airson Mannsa fhao-
tainn air mhàl, agus dh' fheudtadh gach ni chur
air chois tha feumail chum na thigeadh gu h-aith-
ghearr gu bhi na cho-thional mòr, a mhàin na 'm
faightear mile punnd Sasunnach mar Endowment.
Tha e cruaidh orm creidsinn nach cuireadh ar
rnarsanda prionnsal agus cuid eile, tha 'gabhail

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence