Skip to main content

‹‹‹ prev (336) Page 332Page 332

(338) next ››› Page 334Page 334

(337) Page 333 -
GALATIAJNACH.
83S
'na leanabh, nach 'eil eadar-
dhealachadh sam bith eadar e
agus seirbhiseach, ged is e
Tighearn nan uile ;
2 Ach a ta e fo luchd-coimhid,
agus fo luchd-riaghlaidh gu
tèachd na h-aimsir a dh'or-
duich an t-athair.
3 Agus mar an ceudna sinne,
'nuair a bha sinn 'nar lean-
abaibh, bha sinn an daorsa
fo cheud fhòghium an t-
saoghail :
4 Ach an uair a thàinig
coimhlionadh na h-aimsir,
chuir Dia a Mhac fèin uaith,
a ghineadh o mhnaoi, a rinn-
eadh fuidh'n lagh,
5 Chum gu'n saoradh e iad-
san a bha fuidh'n lagh, ionnus
gu faigheamaid - ne uchd-
mhacachd na cloinne.
6 Agus do bhrìgh gur mic
sibh, chuir Dia Spiorad a Mhic
fèin ann bhur cridheachaibh,
ag èigheach, Abba, Athair.
7 Uime sin cha seirbhiseach
thu ni's mò, ach mac; agus
ma's mac, is oighre mar an
ceudna air Dia tre Chriosd.
8 Gidheadh, an uair nach
b'aithnedhuibh Dia, rinn sibh
seirbhis dhoibh-san nach 'eil
'nan dèe thaobh nàduir.
9 Ach a nis air dhuibh Dia
aithneachadh, no mar is fearr
a dh'f heudar a ràdh, bhi air
bhur n-aithneachadh le Dia,
cionnus a ta sibh ag ath-phill-
eadh chum nan ceud-thoiseach
anmhunn agus bochd, d'am
miann leibh bhi a rìs fo dhaor-
sa?
10 Tha sibh a' coimhead
làithean, agus mhìosan, agus
aimsirean, agus bhliadhnan. ^
11 Tha eagal orm do 'ur
taobh gu'n do chaith mi gu
dtomham mo shaothair oirbh.
12 Guidheam oirbh, a
bhràithre, bithibh mar a ta
mise; oir a ta mise mar sibh-
se: cha d'rinn sibh eucoir sam
bith orm.
J3 Tha fhios agaibh gu'm
Vann tre anmhuinneachd na
feòla, a shearmonaich mi
dhuibh an soisgeul air tùs.
14 Agus air mo bhuaireadh a
bha annam fheòil, cha d'rinn
sibh tarcuis, agus cha do ghabh
sibh gràin diom ; ach ghabh
sibh rium mar aingeal Dè,
mar Iosa Criosd.
16 Ciod e ma seadh an sonas
sin a bha agaibh ? oir a ta mi
deanamh fianuis duibh, nam
bu chomasach e, gu'n spìon-
adh sibh a mach bhur sùilean
fèin, agus gu'n tugadh sibh
dhomh-sa iad.
16 Uime sin an d'rinneadh
nàmhaid duibh dhiom, air son
mi dh'innseadh na fìrinn
duibh ?
17 Tha iadsan eudmhor um-
aibh, ach cha'n anngumaith;
ach b'àill leo sinne dhruid-
eadh a mach,chum gu'm biodh
sibhse eudmhor umpa fèin.
18 Ach is maith a bhi eud-
mhor ann an ni maith a
ghnàth, agus cha'n e mhàin
an uair a ta mise a làthair
maille ribh.
19 Mo chlann bheag, air am
bheil mi a rìs ri saothair,
gus an dealbhar Criosd ann-
aibh,
20 B'àill leam bhi nis a làth-
air maille ribh, agus mo ghuth
a chaochladh, oir a ta mi fuidh
amharus umaibh.
21 Innsibh dhomh, sibhse
le'm miann bhi fo'n lagh, nach
cluinn sibh an lagh?
22 Oir a ta e sgrìobhta, gu
robli aig Abraham dithis

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence