Skip to main content

‹‹‹ prev (335) Page 331Page 331

(337) next ››› Page 333Page 333

(336) Page 332 -
332
GALATIANACH.
chreidimh : ach, An duine a
ni iad gheibh e beatha annta.
13 Shaor Criosd sinne o
mhallachadh an lagha, air dha
bhi air a dheanamh 'na mhall-
achadh air ar son : oir a ta e
sgrìobhta, Is malluichte gach
aon a chrochar air crann :
14 Chum gu'n tigeadh beann-
achadh Abrahaim air na Cinn-
ich tre Iosa Criosd; ionnus
gu faigheamaid gealladh an
Spioraid tre chreidimh.
15 A bhràithre, tha mi a'
labhairt mar dhuine ; ged
nach bi ann ach coimhchean-
gal duine, ma tha e air a
dhaingneachadh, cha chuir
neach air bith air eùl e, agus
cha chuirear ni sam bith ris.
16 A nis is ann do Abraham
a thugadh na geallanna agus
d'a shìol. Cha'n abair e, Agus
do shìolaibh, mar gu'm biodh
e labhairt mu mhòran; ach
mar mu aon, Agus do d' shìol-
sa, neach a's e Criosd.
17 Agus a ta mi ag ràdh so,
nach fheudar gu'n cuir an
Jagh, a thugadh an ceann chei-
thir cheud agus dheich bliadh-
na fìchead 'na dhèigh, an
coimhcheangalanneo-bhrìgh,
a dhaingnicheadh roimh le
Dia ann an Criosd, ionnus
gu'n cuireadh e an gealladh
air cùl.
18 Oir ma's ann o'n lagh a
ta an oighreachd, cha 'w 'eil i
ni's mò o'n ghealladh : ach
thug Dia gu saor i do Abra-
ham tre ghealladh.
19 C'ar son uime sin a thug-
adh an lagh? thugadh e air
son eusaontais, gus an tigeadh
an sìol, d'an d'rinneadh an
gealladh ; air orduchadh le
ainglibh an làimh eadar-
mheadhonair.
20 A nis an t-eadar-mheadh-
onair, cha'n ann air son aoin
aia e 'na eadhar-mheadhon-
air; ach is aon Dia.
21 Uime sin am bheil anlagh
an aghaidh gheallanna Dhè ?
Nar leigeadh Dia: oir nam
biodh lagh air a thabhairt a
bhiodh comasach air beatha
thoirt uaith, gu deimhin is
ann o'n lagh a bhiodh fìrean-
tachd,
22 Ach dh'fhàg an sgriob-
tuir na h-uile dhaoine dùinte
sa' pheacadh, chum gu'm
biodh an gealladh tre chreid-
imh Iosa Criosd air a thoirt
dhoibh-san a ta creidsinn.
23 Ach mu'n d'thàinig an
creidimh, choimhideadh sinn
fo 'n lagh, air ar druideadh a
steach chum a' chreidimh, a
bha gu bhi air f hoillseachadh.
24 Uime sin b'e an lagh,
ar n-oid-f hòghluim g'artreòr-
achadh gu Criosd, chum gu
bitheamaid air ar fìreanach-
adh tre chreidimh.
25 Ach air teachd do'n
chreidimh, cha'n 'eil sinn ni's
mò fuidh oid-fhòghluim.
26 Oir is sibhse uile mic
Dhè tre chreidimh ann an
losa Criosd.
27 Oir a mheud agaibh sa'
bhaisteadh do Chriosd, chuir
sibh umaibh Criosd.
28 Cha'n 'eil ludhach no
Greugach, cha'n 'eil saor no
daor, cha'n 'eil fìrionn no
boirionn ann : oir is aon sibh
uile ann an losa Criosd.
29 Agus ma's le Criosd sibh,
is sibh sìol Abrahaim gun
amharus, agus is oighreachan
sibh a rèir a' gheallaidh.
CAIB. IV.
A NIS a ta mi ag ràdh, am
•£*■ fe#dh a bhios an t-oighre

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence