Skip to main content

‹‹‹ prev (326) Page 322Page 322

(328) next ››› Page 324Page 324

(327) Page 323 -
II. COMNTIANACH.
323
phailte dhuibhse, chum air
dhuibh anns gach uile ni làn
leoir a bhi agaibh a ghnàth,
gu'm biodh sibh pailte chum
gach deadh oibre.
9 ( A rèir mar a ta e sgrìobh-
ta, Sgaoil e a chuid ; thug e
do na bochdaibh : mairidh
'f hìreantachd a chaoidh.
10 A nis an ti a bheir sìol
do'n fhear-cuir, agus aran
chum bìdh, gu tugadh e agus
gu meudaicheadh e bhur cur-
achd-sa, agus gu tugadh e do
thoradh bhur f ìreantachd fàs.)
11 Air dhuibh bhi air bhur
deanamh saoibhir anns gach
uile ni chum gach uile thabh-
artais, ni a dh'oibricheas leinne
breith-buidheachais do Dhia.
12 Oir a ta frithealadh na
seirbhis so, cha'n e mhàin a'
leasachadh uireasbhuidh nan
naomh, ach a ta e mar an
ceudna pailte tre mhòran
breith-buidheachais do Dhia ;
13 (Air dhoibh ; bhi tre
dhearbhadh an fhrithealaidh
so a' toirt glòire do Dhia air
son bhur n-ùmhlachd do shois-
geul Chriosd a rèir bhur n-aid-
mheil, agus air son bhur tabh-
artais fhialuidh dhoibh-san,
agus do na h-uile dhaoinibh:
14 Agus tre an urnuigh air
bhur son-sa, aig am bheil mòr-
dhèidh oirbh air son gràis Dè
ata ro phailte annaibh.
15 Buidheachas do Dhia air
son a thiodhlaic do-labhairt.
CAIB. X.
NIS tha mise fèin Pòl a'
- guidhe oirbh, tre mhacan-
tas agusshèimheachd Chriosd,
neach air dhomh a bhi làthair
a ta ìosal 'nur measg, ach air
dhomh a bhi uaibh a ta dàna
oirbh :
2 Ach tha mi ag iarraidh
A :
oirbh a dh'athchuinge, gun
sibh a thoirt orm, an uair a
bhios mi làthair, bhi dàna,
leis a' mhuinghin leis an saoil-
ear mì bhi dàna an aghaidh
dream àraidh a tha toirt meas
oirnne, mar gu bitheamaid
ag imeachd a rèir na feòla.
3 Oir ged tha sinn ag im-
eachd anns an fheòil, cha'n
ann a rèir na feòla ta sinn a'
cogadh :
4 (Oir ar n-airm chogaidh
cha'n fheòlmhor iad, ach
cumhachdach o Dhia chum
daingnichean a ìeagadh :)
5 A' tilgeadh sìos reuson-
achaidh, agus gach ni àrd a
dh'àrdaicheas e fèin an agh-
aidh eòlais Dè, agus a' toirt
am braighdeanasgach smuain
chum ùmhlachd Chriosd :
6 Agus dioghaltas ullamh
againn r'a dheanamh air gach
uile eas-ùmhlachd, 'nuair a
choimhlionar bhur n-ùmft-
lachd-sa.
7 An amhairc sibh air nith-
ibh a rèir an coslais ? ma tha
dòchas aig aon neach as fèin,
gur le Criosd e, smuainicheadh
e so a rìs uaith fèin, mar is le
Criosd esan, gur le Criosd
sinne mar an ceudna.
8 Oir ged dheanainn càil-
eigin ni's mò dh'uaill as ar
cumhachd-ne, (a thug an
Tighearna dhuinn chum fò-
ghluim, agus cha'n ann chum
bhur sgrios-sa,) cha bhiodh
nàire orm :
9 Chum nach measar mi mar
gu'm bithinn a' cur eagail
oirbh le litrichibh.
10 Oir ataa litrichean, (tha
iadsan ag ràdh,) cudthromach
agus làidir, ach a ta a làthair-
eachd chorporra anmhunn, a-
gus a chainnt tàireil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence