Skip to main content

‹‹‹ prev (309) Page 305Page 305

(311) next ››› Page 307Page 307

(310) Page 306 -
306
I. CORINTIANACH.
cuideachaidh, uachdaranach-
da, iomadh gnè theangadh.
29 Am bheil na h-uiìe 'nan
abstolaibh ? Am bheil na h-uile
'nam fàidhibh ? Am bheil na
h-uile 'nan luchd-teagaisg?
Am bheil na h-uile 'nan luchd-
deanamh mhìorbhuile ?
30 Am bheil aig na h-uile
tabhartais leighis? Anlabhair
na h-uile le teangaibh ? An
dean na h-uile eadar-theang-
achadh ?
31 Ach biodh miann dùr-
achdach nan tiodhlacan a's
fearr oirbh : agus gidheadh
tha mise a' nochdadh dhuibh
slighe a's ro-f hearr.
CAIB. XIII.
ftED labhrainn le teang-
" aibh dhaoine, agus ain-
geal, agus gun ghràdh agam,
tha mi a'm' umha a ni fuaim,
np a'm' chiombal a nigleang-
arsaich.
2 Agus ged robh agam
f àidheadaireachd, agus ged
thuiginn na h-uile rùna-
dìomhair, agus gach uile eò-
las ; agus ged bhiodh agam
gach uile ghnè creidimh, ìon-
nus gu'n atharraichinn
sìèibhte, agus mi gun ghràdh
agam, cha'n 'eil annam ach
neo-ni.
3 Agus ged chaithinn mo
mhaoinuile chum na bochdan
a bheathachadh, agus ged
bheirinn mo cliorp chum a
losgadh, agus gun ghràdh ag-
am, cha'n 'eil tairbhe sam
bith dhomh ann.
4 Tha an gràdh fad-f hulang-
ach, agus caoimhneil ; cha
ehabh an gràdh farmad ; cha
tlean an gràdh ràiteachas,
cha'n 'eil e air a shèideadh
suas,
5 Cha ghiùlain se e fèin
gu mi-chiatach, cha'n iarr e
na nithe sin a bhuineas da fèin,
cha'n 'eil e so-bhrosnuchaidh
chum feirqe, cha smuainich e
olc sam bith,
6 Cha dean e gairdeachas
san eucoir, ach ni e gairdeach-
as san f hìrinn :
7 Fuilgidh e na h-uile nithe,
creididh e na h-uile nithe,
bithidh sùil aige ris na h-uile
nithibh, giùlainidh e na h-uile
nithe.
8 Cha tèid an gràdh air cùl
a chaoidh : ach ma's f àidh-
eadaireachda ta ann, thèid iad
air cùl ; ma's teangaidh,sguir-
idh iad; ma's eòlas, cuirear
air cùl e.
9 Oir a ta eòlas againn ann
an cuid, agustha sinnrifàidh-
eadaireachd ann an cuid.
10 Ach an uair a thig an
ni a ta iomlan, cuirear air cùl
an ni sin nach 'eil ach ann an
cuid.
11 'Nuair a bha mi a'm'
leanaban, labhair mi mar lean-
aban, thuig mi mar leanaban,
reusonaich mi mar leanaban ;
ach air fàs domh a'm' dhuine,
chuir mi na nithe leanabaidh
air cùl.
12 Oir tha sinn a' faicinn
san àm sogu dorcha tre ghloin;
ach an sin chi sinn aghaidh ri
h-aghaidh: san àm sois aithne
dhomh ann an cuid; ach an
sin aithnichibh mi eadhon mar
a ta aithne orm.
13 Agus a nis fanaidh creid-
imh, dòchas, gràdh, na tri
nithe so ; ach is e'n gradh a's
mò dhiubh so.
CAIB. XIV.
T EANAIBH gràdh, agus
-^ biodh mòr-mhiann thiodh-
laca spioradail oirbh, ach gu
ma mò bhur togradh gu'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence