Skip to main content

‹‹‹ prev (308) Page 304Page 304

(310) next ››› Page 306Page 306

(309) Page 305 -
I. CORINTIANACH.
305
eile focaì an eòlais leis an
Spiorad cheudna ;
9 Do neach eile creidimh
leis an Spiorad sin fèin; do
dhuine eile tabhartas leighis
tre an Spiorad cheudna ;
10 Do neach eile oibreach-
adh mhìorbhuile ; do neach
eile f àidheadaireachd; do
neach eile aithneachadh spior-
ad ; do neach eile iomadh gnè
theangadh ; agus do neach eile
eadar-mhìneachadh theang-
adh.
11 Ach na nithe sin uile
tha an t-aon Spiorad ceudna
ag oibreachadh, a' roinn ris
gach aon fa leth a rèir mar is
àill leis.
12 Oir mar is aon an corp,
agus mòran do bhuill aige,
agus a ta uile bhuill an aoin
chuirp sin, ge h-iomadh iad,
'nan aon chorp ; mar sin a ta
Criosd.
13 Oir tre aon Spiorad
bhaisteadh sinn uile do aon
chorp, ma's Iudhaich sinn no
Greugaich, ma's daor no saor
sinn ; agus thugadh deoch r'a
h-òl duinn uile chum aoin
Spioraid.
14 Oir cha'n aon bhall an
corp, ach mòran.
15 Ma their a' chos, Do
bhrìgh nach mi an làmh, cha'n
ann do'n chorp mi ; nach 'eil
i do'n chorp air a shon sin ?
16 Agus ma their a' chluas,
Do bhrìgh nach mi an t-sùil,
cha'n ann do'n cnorp mi; nach
ann do'n chorp i air a shon
sin ?
17 Nam biodh an corp uile
'na shùil, c'àit am biodh a'
chlaisteachd ? Nam biodh e
uile 'na chlaisteachd, C'àitam
biodh an f hàile ?
18 Ach a nis shuidhich Dia
na buill gach aon diubh sa'
chorp, mar bu toil leis.
19 Agus nam biodh iad uile
'nan aon bhall, c'àit am biodh
an corp ?
20 Ach a nis tha iad 'nam
mòran bhall, ged nach 'eil ann
ach aon chorp.
21 Agus cha'n urrainn an
t-sùil a ràdh ris an làimh,
Cha'n 'eil feum agam ort : no
a rìs, an ceann ris na cosaibh,
Cha'n 'eil feum agam oirbhse.
22 Ach gu ro mhòr ni's mò
tha na buill sin do'n chorp,
a's anmhuinne a thaobh cos-
lais, feumail.
23 Agus air na buill sin
do'n chorp a's lugha urram
'nar measg-ne, thasinn a' cur
an tuilleadh urraim ; agus na
buill sin dhinn a's lugha maise,
tha aca sin gu ro mhòr an
tuilleadh maise.
24 Oir air na buill mhais-
each againn cha'n 'eil uireas-
bhuidh : ach rinn Dia an corp
a chomh-chumadh r'a chèile,
air dha an tuilleadh urraim gu
mòr a thoirt do'n chuid air an
robh uireasbhuidh :
25 Chum nach biodh eas-
aonachd air bith sa' chorp :
ach gu'm biodh an t-aon chùr'
am aig na buill d'a chèile.
26 Agus ma dh'fhuilgeas
aon bhall, comhfhuilgidh na
buill uile : no ma gheibh aon
bhall urram, ni na buill uile
gairdeachas maille ris.
27 A nis is sibhse corp
Chriosd, agus is buill sibh fa
leth.
2S Agus chuir Dia drcam
àraidh san eaglais, air tùs ab-
stola, san dara àit f àidhean,
san treas àit luchd-teagaisg, a
rìs mìorbhuilean, 'na dhèìgh
sin tabhartais leighis, luchd-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence