Skip to main content

‹‹‹ prev (298) Page 278Page 278

(300) next ››› Page 280Page 280

(299) Page 279 -
agm Ullachadh air a shon. 279
goile (mkthair na fola,) agus a dheasachadh airson an
sgamhain, agus fèumaidh an sgamhan 's an dubh-lìath
a thionndadh gu fuil, agus a dheasachadh airson a'
ehridhe agus na h-eanchainn ; mar sin, matà, ann am
beathachadh d'anama, 'fèumaidh do thuigse an fhìrinn
a ghabhail astigh agus a deasachadh airson do thoile,
agus do thoil a deasachadh airson d'aignidhean. Tha
caochladh òirdhearcas mòr ann an Criosd agus nèamh,
agus arèir sin thug Dia caochladh comas do'n anam a
chum gach òirdhearcas a tha ànnta sin a thuigsinn.
Ciod a b'f heàirrd sinn luibhean cùbhraidh, mur b'ur-
rainn sinn an cubhraidheachd 'f haireachadh ? Ciod a
b'f heàirrd sinn càinnt, no ceòl, mur bitheadh clàisteachd
againn ? Ciod an taitneas a ghabhamaid ann am biadh
'us deoch, mur faigheamaid b as orra ? Mar sin, matà,
ciod am maith a dheanadh uile ghlòir nèimh dhuinn, no
ciod an tlachd a ghabhamaid ann an àrd iomlanaehd
Dhè fèin, na'm bitheamaid a dh-easbhuidh aignidhean
a' ghràidh agus a' ghàirdeachais ? Agus ciod an neart,
no idir a' mhìlseachd a's urrainn thusa 'f haotuinn ann
am meòrachadh air an t-sìorruidheachd, 'nuair nach
'eil thu idir ag oibreachadh aignidhean sin d'anama,
leis am fèumar a' mhilseachd agus an neart a ta ann an
nithibh sìorruidh aithneachadh leat ? Is è mearachd
mòr Chriosduidhean ìad a bhi 'smuaineachadh nach 'eil
ni sam-bith anns a' mheòrachadh so ach obair na tuigse
agus na cuimhne, — obair a dh-fhaodas gach balachan-
sgoil' a dheanamh, no ìadsan leis am fuathach na nithe
air am bheil ìad a' smuaineachadh Mar sin chithear
gu'm bheil na's mò ri dheanamh na lom chuimhneach-
adli agus lom smuaineachadh air nèamh. Tha iomadh
obair ann air am fèumar, cha n-è mhàin làmh no cas,
ach a' choluinn uile a làn-oibreachadh ; agus dìreach
mar sin, fèumar an t-anam uile a chleachdadh ris a'
mheòrachadh nèamhaidh.
Tha aignidhean a' pheacaich cho maith ri 'thuigse
suidhichte air an t-saoghal, agus fuaighte ri iodholaibh,
agus air tuiteam air falbh o Dhia ; ach ann an cèum a
theàrnaidh, fèumaidh aignidhean a' pheacaich cho maith
ri 'thuigse a bhi air an làn-philleadh a dh-ionnsuidh
Dhè. Agus mar bha'n t-anam uile air a lìonadh roimhe

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence