Skip to main content

‹‹‹ prev (299) Page 279Page 279

(301) next ››› Page 281Page 281

(300) Page 280 -
280 Nàdur a 1 Mheòrachaidh Neamhaidh
leis a' pheacadh. fèumaidh an t-anam nile 'bhi air a
lìonadh anis le Dia. Faic iomradh Dhaibhidh air an
duine bheannaichte, " Tha tlachd" an duine sin " ann
an lagh an Tighearna, agus smuainichidh (no meòraich-
idh) e air a lagh-san a là agus a dh'oidhche."
Salm 1. 2.
Is meòrachadh suìdhichte agus cùramach è so. Is
ùrnuigh stòlda, no shccrach a nithear, an uair a shuidh-
icheas neach e-fèin gu leir air an dleasanas so ; agus is
umuigh ghoirid, no chabhagach a nithear, an uair a
chuireas neach achanaich ghoirid, ghrad suas ann am
mionaid a dh-ionnsuidh Dhè. air an àm a's mò a
chabhag le gnothaichean eile. Mar-an-cèudna, is meòr-
achadh socrach a ni sinn, an uair a bheir sinn sinn-fèin
gu h-iomlan do'n obair mhaith so, agus is meòrachadh
caochlaideach a ni sinn an uair a ghleidheas sinn
smuaintean maith mu Dhia ann ar cridheaehan, ameasg
ghnothaichean eile. Agus mar nithear ùrnuigh air
amaibh suidhichte, gu cunbhalach mar dhleasanas, no
air uairibh, no air àm sònruichte, mar sin fòs nithear
meòrachadh. Anis is maith meòrachadh a dh-fhaodas
a bhi air a mhe«?gachadh le gnothaichean cumanta, no
air a dheanamh mar ghairmeas làithean àraid ort, ach
is feàrr gu mòr a dheanamh gach là gu seasmhach, mar
dhleasanas cunbhalach, mar nithear ùrnuigh, èisdeachd,
agus ldughadh nan Sgriobtuir air gach là ; agus na
measgaich cùisean eile maille ris an obair so, na's mò
na mheasgaicheas tu ìad maille ri ùrnuigh, no dleasanas
naomh eile.
Bithidh am meòrachadh so air d'fhois shìorruidh.
Cha n-'eilear idir ag ìarraidh ort gach meòrachadh
ceart eiìe a leigeil dhìot. Ach a chionn gur è nèamh a's
àrd-inbhiche luach, gu cìnnteach is è àit a's feàrr is
fhìach dhuinn meòrachadh air. Is è 'n ni sin a's sona
a ni sinn an uair a gheibhear è, a's aoibhnich' a ni sinn
an uair a mheòraichear air. Is iomadh meòrachadh
eile a ta ànn. Tha ìad cho honmlior ri ruinn nan
Sgriobtuir, no ri cre'utairibh an domhain, no ri freasdal-
aibh àraid ann an riaghladh an t-saoghail. Ach is
cdum am meòrachadh so gu " sliabh Shioin," — gluasad
o rìoghachdan an t-saoghail so gu rìoghachd nan naomh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence