Skip to main content

‹‹‹ prev (297) Page 277Page 277

(299) next ››› Page 279Page 279

(298) Page 278 -
278 Nàdur cC Mheòrachaidh Neamhaidh
dleasanais eile 'dhearmad. Is duilich leo ma chailleas
ìad searmoin, no là trasgaidh, no uair na h-ùrnuigh, no
àm aoraidh sam-bith eile, uaigneach no follaiseach, ach
cha duilich leo idir uair a' mheòrachaidh a chàll, no
'dhearmad ; ma dhaoite, fad uile làithean am beatha,
gus an là an diugh, ged is ànn leis an dleasanas so a's
feàrr a bheothaichear agus a leasaichear gach dleasanas
eile, agus a bheirear comas do'n anam air an fhìrinn a
mhearbhadh a chum a bheathachadh agus a lìonadh le
sòlas. B' ì àithn Dhè do Iosua, " Cha tèid leabhar an
lagha so as do bheul ; ach beachd-smuainichidh tu air
a là agus a dh'oidhche, chum gu'n toir thu 'n aire gu'n
dean thu a rèir gach ni a ta sgrìobhta ann ; oir an sin
bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin
ni thu gu glic" Ios. 1. 8. Mar thionndaidheas am
biadh anns an stamaig gu leann-goile (chyle) agus fuil a
chum neart agus slàint a thoirt do'n chorp, mar sin
tionndaidhidh meòrachadh na fìrinnean, a ghabhar agus
a chuimhnichear leis an anam, gu aignidhean blàth,
rùn làidir agus còmhradh naomh.
Anns a' mheòrachadh so oibrichear uile bhuaidhean
an anama. Is ì so obair nam beò agus cha n-ì obair
nam marbh. Is obair fìor spioradail agus fìor àrd ì so
seach gach obair air-bith eile ; agus air an aobhar sin,
cha ghabh ì deanamh gu maith le cridhe nach 'eil ach
feòlmhor, talmhaidh. Fèumaidh an cridhe beagan
dàimh a bhi aige ri nèamh, mu'n urrainn è èirigh gu
h-eòlach, saor a dh-ionnsuidh nèimh. Is ìadsan aig am
bheil còir air fois, a thatar a' cìallachadh, 'nuair a
thathas a' comhairleachadh dhoibh gàirdeachas a dhean-
amh ann am meòrachadh air fois. Agus ma's Criosd-
uidh thus,' a lèughadair, tha mìs' anis a' comhairleach-
adh dhuit a bhi gnìomhach, dìchiollach. Is ì obair
d'anam' a thathas a'cur romhad, ' oir is beag tairbh a'
chleachdaidh chorporra an so.' Feumar uile bhuaidhean
d'anama oibreachadh air a' mheòrachadh so, chum,
'eadar-dhealachadh o mheòrachadh cumanta luchd-
ionnsuchaidh eile. Cuimhnich, cha n-ì do thuigse,
d'anam uile ; agus cha n-urrainn do thuigse an obair so
a dheanamh uile. Ann am beathachadh do chuirp,
f^umaidh do stamag am biadh a thionndadh gu leann-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence