Skip to main content

‹‹‹ prev (296) Page 276Page 276

(298) next ››› Page 278Page 278

(297) Page 277 -
277
Caibdeil XIII.
Nàdur a' Mkebrachaidh Neamhaidh, agus an t-Am,
an t-Ait, agus an t-Ullachadh ìnntinn, a tafreag-
arrach air a shon. — (Faic Caib. xvi)
Guidheam ort aon uair fathast, a leughadair, mar
dhuine glic do'n aithne do dhleasanas foillsichte, agus
do nach dàna gairm an Spioraid a dhiùltadh le do dheòn,
agus leis an luachmhor sòlas àrd nan naomh, agus obair
aoibhneach a 1 mheòrachaidh nèamhaidh a thogas suas
an t-anam, — tòisich gu luath, gu dìchiollach, fìrinneach,
ri cleachdadh nan seòladh a bheirear dhuit anis. Mar
faic thu gu'm meudaichear d'uile ghràs leis an obair
mheòrachaidh so, agus gu'm fàs thu suas gu àirde na's
mò na Criosduidhean cumanta. agus gu'm bi thu air do
dheanamh na's fèumaile 'n a d'àit fèin, agus na's luach-
mhoire ann an sùilibh nan uile dhaoine glice, tuigseach ;
mur faigh d'anam co-chomunn na's mò ri Dia, agus
mur faigh thu sòlas beatha na's pailte agus dòchas tre
'n obair so a bheir dhuit neart 'us socair aig uair a'
bhàis — an sin, tilg uait gach seòladh a thug mise, agus
dìt mì gu bràth mar mhealltair.
So dhuit, matà. an dleasanas a ta mis' a' sparradh
ort cho dùrachdach, agus a' seòladh dhuit anis ciamar
is còir dhuit a dheanamh. Gu h-àraid, — " Oibrich gu
suidhichte, cùramach uile bhuaidhean d'anama le
meòrachadh, no beachd-smuaineachadh air d'fhois
8hìorruidh. ,, A chum nàdur an dleasanais so a dhean-
amh soilleir, ni mì, anns a cheud àit, beagan mìneach-
aidh air, agus an dèigh sin comharraichear amach an
t-Am, an t- Ait agus a? mhèinn, no amfonninntinnd's
freagarraiche air a shon.
1. Is è Meòrachadh nèamhaidh, matà, beachd-smuaìn-
eachadh air nithibh spioradail. Aidichear an dleasanas
so leis na h-uile dhaoine, ach gheibhear a' mhòr chuid
diubh 'g a àicheadh 'n an cleachdadh. Dearmaididh
mòmn an dleasanas so, do nach ceadaich an coguis

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence