Skip to main content

‹‹‹ prev (222) Page 202Page 202

(224) next ››› Page 204Page 204

(223) Page 203 -
nan Naomh air thalamh. 203
tvic a chunnaic mise daoine 's an t-saoghal so a' toirt
ionnsuidh air nithibh mòra 's a' caitheamh mòr ùine ri
oibribh ainmeil, cosgail ; agus a fhuair an toil a rìarach-
adh le fortan mòr an oidhirpean ; agus muinntir eile an
deigh dhoibh a bhi fada air an sàrachadh le trom thriob-
laidibh, a f huair buaidh orra, agus an sin, thòisich ìad ri
toil-ìnntinn agus fois a ghabhail anns an staid gus an
robh ìad air an toirt leis an fhortan a dh'oibrich an
oidhirpean fe'in amach dhoibh. A dh' aon fhocal,
shaoil leo gu'n robh ìad anis socrach, sona, saoibhir.
Ach mar bu trice, is gànn a thòisich ìad ri mealtuinn
na toil-ìnntinn so, 'nuair a bhuail am bàs ìad, no 'thàinig
aimhleas air-chor-eigin eile orra leis an robh an taitneas
so uile air a dheanamh neo-thaitneach, gruamach, no
searbh dhoibh. Cho luath 's a gheibhear a' chàinnt so
ann an cridhe duine, " Anam gabh fois, ith, òl agus bi
subhach," is ì gu tric an ath theachdaireachd a thig,
" Amadain, air an oidhche so fèin," no air a' mhìos so,
no air a' bhliadhna so, "ìarrar d'anam uait : an sin cò
dhà a bhuineas na nithe sin a dh'ulluich thu ?" Luc.
12. 19. Càit am bheil tigh anns nach faighear an
" t-amadan" sin a gabhail còmhnuidh ? Feuchadh gach
aon dhinn-ne nach è sin a cheart ainm fèin. Is iomadh
aon de sheirbhisich Dhè, a f huair a làithean a ghiorr-
achadh air an talamh, an lorg a bhi air a mheas agus
air a ghràdhachadh na's mò na b'fhìach è. Is dearbh
leam nach 'eil gach smuain mì-thoilichte agus gach
gearan eile a gheibhear againn, cho mì-thlachdmhor le
Dia, ri fois ìarraidh agus toil-ìnntinn ro mhilis a
ghabhail ann an nithibh taitneach na beatha so. Ma
bhuail Dia thusa le do bhean, do chlànn, do chuid 'us
do chàirdean, no do thaitneas ànnta sin, a thoirt uait,
feuch thusa nach ànn an lorg do thoil-inntinn a bhi
'sìor-stad ànnta sin, agus thu-fèin ag ràdh, " Tha mì
ceart anis," agus mar sin a' deanamh dia dhe do chor
taitneach, a bhrosnaich thu an Dia èudmhor gus a làmh
a shìneadh amach a'd' aghaidh ? Co dhiubh is caraid
no nàmhuid do Dhia thu, na biodh dùil agad gu bràth
gu'n ceadaich è dhuit d' iodholan a mhealtuinn le socair.
4. Na'n ceadaicheadh Dia dhuit fois a ghabhail anns
an t-saoghal so, is è sin mallachd a's mò 'b' urrainn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence