Skip to main content

‹‹‹ prev (221) Page 201Page 201

(223) next ››› Page 203Page 203

(222) Page 202 -
202 Cha n-fhaighear Fois
no bean, mac no nighean leis am b'f heàrr a bhi ann
an àit air-bith eile na maille riut-sa, agus a gheibhteadh
toilichte, subhach 'nuair a b'fhaide uait ìad, nach
gabhadh tu gu h-olc è ? Mar sin gabhaidh Dia è matà.
2. Tha thus' ag àicheadh na crìche sia a tha aig Dia ann
am buileachadh nan toil-ìnntirm sin ort' Thug è dhuit
ìad a chum do chuideachadh gu teachd d'a ionnsuidh,
^gus an cuir thus' ìad 'n a àite fèin? Thug è dhuit ìad
mar bhiadh-ùrachaidh dhuit air do thurus, agus am fan
thu 's an tigh-òsda gun dol cèum na's f haide ? Faodar a
ràdh mu na sòlasaibh agus na h-òrduighean againn, mar
chaidh a ràdh mu na h-Israelich o shean, " Chaidh àirc
coimhcheangail an Tighearna rompa astar thrì làithean,
a rànnsachadh a mach àite-tàimh dhoibh." Air. 10. 33.
Mar sin, tha tròcairean an Tighearna a' sìor-dhol romh-
ainn an so, ach cha n-iad na tròcairean sin ar fois. Cha
n-'eil ànnta, mar dh'aidich Eòin, am Baisteach, nach
b'esan Criosd, ach iomadh guth a' glaodhaich anns an
i hasach so, 's ag ìarraidh òirnn sinn-fèin ullachadh air-
son rìoghachd Dhè, 's ag ìnnseadh dhuinn gu'm bheil
ar fìor f hois am fagus. Air an aobhar sin, ma dh-ìarrar
fois an so, gheibhear sinn a' dol calg-dlrìreach an aghaidh
nan crìoch airson an tug Dia na tròcairean sin duinn,
'g am mi-ghnàthachadh gu cronail, agus 'g ar milleadh
fem leis na nithibh a dh'òrduich Dia chum ar cuideach-
adh agus ar treòrachadh suas d'a ionnsuidh fèin.
3. Ma dh-ìarrar fois an so, is ì sin an dòigh gu thoirt
air Dia na tròcairean a tha sinn ag ìarraidh, a dhiùltadh
dhuinn, no na tròcairean a ta againn a ghearradh uainn.
no an car a's lugha, an deanamh searbh dhuinn. Tha
Dia èudmhor anns a' chùis so seach cùis air-bith eile.
Na'm bitheadh agad-sa seirbhiseach 'bu docha le do
mhnaoi na thu-fèin, nach gabhadh tu sin gu h-olc dhì,
agus nach cuireadh tu an seirbhiseach sin air falbh à
do thigh ? Mar sin, matà, ma gheibh an Tighearn thus'
a' socrachadh do chridhe air an t-saoghal, agus ag ràdh,
" An so gabhaidh mì fois," na bitheadh iongantas idir
ort geda dheanadh è gu h-èudmhor, luath an t-socair
sin anshocrach dhuit. Ma tha gràdh aige dhuit, na
gabh iongantas geda bheireadh è uait an ni sin leis am
bheil è 'g ad' fhaicinn a' deanamh " croin ort-fein." Is

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence