Skip to main content

‹‹‹ prev (223) Page 203Page 203

(225) next ››› Page 205Page 205

(224) Page 204 -
204 Cha n-fhaìghear Foìs
tuiteam ort. B'fheàrr dhuit a bhi gun aon là fois'
riamh anns an t-saoghal so, oir mar sin dh-f haodadh
sgìos an t-saoghail a thoirt ort an f hior fhois ìarraidh.
Ach ma cheadaichear dhuit suidhe sìos socrach, agus
fois a ghabhail an so, is truaghan gun f hois thu tre
àlaibh na bith-bhuantachd. ls è làn chuibhrionn a
ghabhail anns a' bheatha so, crannchur nam peacach
ro thruagh a bhitheas càillte gu siorruidh. An tig è do
Chriosduidhean, matà, dùil mhòr a bhi aca ri fois an
so ? Is ì ar fois a's nèamh dhuinn ; agus far an gabh
sinn fois, ni sinn nèamh dhuinn-fein an sin. Agus nach
ìarradh tu nèamh na's feàrr na'n saoghal so ?
5. Ma's ànn an so a tha thus 1 ag ìarraidh fois',
tlia thu 'g a h-ìarraidh am far nach 'eil ì — am far nach
urrainnear a faotuinn. Agus ma leanas tu air a
h-ìarraidh an so, bithidh araon do shaothair agus fois
smorruidh d'anama càillte. Is ì ar fois, èirigh suas mu-
dheireadh gu làn mhealtuinn Dhè. Ach cha ruigear
air sin anns a' bheatha so, ni mò 'dh-f haodas dùil a bhi
ri fois an so. Am faodar Dia a mhealtuinn anns an
eaglais a's feàrr air thalamh, mar tha è air a mhealtuinn
air nèamh ? Fada bho sin. Nach beag a tha na
naoimh a' mealtuinn de Dhia fo na meadhonaibh a's
feàrr? Innseadh an gearan 's an osnaich fèin. Is
bochd na comhf hurtairean na h-òrduighean a's feàrr a
dh-easbhuidh Dhè fèin. An tigeadh do fhear-astair
tàmh air an t-sligh ? Cha tigeadh idir, do bhrìgh gu'm
bheil a dhachaidh aig ceànn na slighe. 'Nuair a gheibh
thu gach uile ni a's urrainnear a thoirt duit tre chrèut-
airibh agus tre mheadhonaibh, an d'fhuair thu, am
bheil agad na nithe sin uile anns an robh thu cho
fad a' creidsinn, na nithe a bha thu cho tric ag
ìarraidh ann an ùrnuigh, agus an duais àrd sin air-
son an robh thus' a' fulang ? Thar leam nach dàna
dhuit a ràdh gu'n d'f huair. Is cosmhuil sinn ri cloinn
bhig, a chaidh air seachran o thigh an athar, agus tha
Dia anis 'g ar treòrachadh dhachaidh, ach gheibhear
sinne ullamh gu dhol asteach do thigh sam-bith eile, gu
stad 'us cluith ris gach ni a choinnicheas sinn air an
t-sligh, agus gu suidhe sìos air gach tolman uaine ; agus
gu dearbh chabheag an t-saothair ar faighinn dachaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence