Skip to main content

‹‹‹ prev (224) Page 222Page 222

(226) next ››› Page 224Page 224

(225) Page 223 -
NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 223
tric 's a thogras e. Oia mar a chuir losa Criosd
aii so sìos an t-aobhar air son nach eil daoiiie
a' gabhail ris ; mar sin chuir an t-Abstol sios
ann an àit' eil' a rithist na h-aobharan sin le an-
tromachadh àrd agus laidir, (1 Eoin v. 10.)
ag ràdh, *' An tì a chreideas ann am Mac
Dhè tha'n f hianais aige ann fèin : an tì nach
creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrìgh
nach do chreid e an f hianais a rinn Dia mu
thimchioll a Mhic.*' An fhianais, their thu,
ciod e sin ^ 'S e eadhon an teisteas a thug
Dia mu thimchioll le beul nam fàidhean
naomh' uile bho 'nuair a thoisich an saoghal,
(Gniomh. iii. 20.) 'S e sin, Dia a chur a Spiorad
naomh' ann an cridheachan a shèirbhisich, na
fàidhean agus na h-abstoil, ghiùlan esan, le
'Spiorad annta-san, fianais do dh' f hìrinn an
tearnaidh le Mhac losa, araon roimhe agus an
dèigh a theachd. Agus so mar tha 'n t-àite
sin gu bhi air a thuigsinn, a ta 'g radh, " Tha
triùir a tha togail fianais air thalamh, an
Spiorad, an t-uisge, agus an f huil." 'S e
sin, an Spiorad anns na h-Abstoil a shearmon-
aich e do *n t-saoghai, mar a tha e soilleir, ma
leughas tu gu dùrachdach, 1 Tesal. iv. 8. Air
do 'n Abstol a bhi labhairt mu losa Criosd,
agus ùmhlachd do Dhia troimhe, tha e 'g radli
mar so, "An neach a ni tàir, cha-n ann air
duine a tha e deanamh tàir, ach air Dia: '' ach
's e sibhse a ta labhairt ; tha sin fior, ach itì
ann leis an Spiorad agustrid an Spioraid. Esan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence