Skip to main content

‹‹‹ prev (225) Page 223Page 223

(227) next ››› Page 225Page 225

(226) Page 224 -
Ì224 OSNAIDHEAN BHO IFRINN,
uime sìn a ni tàir, cba-n ann aìrduine a tha e
deanamh tàir, aeh air Dia, a thug mar an
ceudna dhuinne de a Spiorad naomha. Tha
so uime sin mar dhaighneachadh laidir aìr an
fhìrinn so, esan a ta deanamh tàir air
an fhianais a th'aig Dia le Spiorad, 'na
chuid fàidhean agus abstol, air f hoiilseachadh
dhuinncj tha e deanamh tàir air teisteas an
Spioraid, a ghluais iad gus na nithibh so a
labhairt ; agus ma 's ann mar sin a ta, an sa
b'àill leam fhios f haighinn, cionnus a *s urrainn
duine no neach sam bith a bhi air a thearnadh
le losa Criosd, a ta deanamh tàir air an
teisteas mu thimchioll Chriosd ; seadh, teist-
eas a Spioraid fèin mu thimchioU fèin ? Tha
e fior, faodaidh daoine bhi 'm barail gu *m
beil teisteas an Spioraid aca, agus o'n bharaiì
sin, meas suarach a chur air na sgriobturan
naomha ; ach an spiorad sin a ta chòrahnaidh
annta, agus 'g an teagasg gu sin a dheanamh,
cha n-eil e ni's fearr na spiorad Shàtain, ged
tha e g' a ghairm fèin le ainm spiorad Chriosd.
'' Chum an lagha uime sin, agus chum an
teisteas,'' dearbh iad leis sin, ^' mur labhair iad
a rèir an f hacail so, is ann do bhrìgh nach eil
solus annta/'
Tha'n t-abstol Peadar ag ràdh mu Chriosd,
'nuair a tha e labhairt mu dhèibhinn a' ghuth
ghlòrmhor a bh'aige bho mhòrachd oirdheirc,
"'S e so mo Mhac gràdhach, eisdibh ris ; tha
e 'g ràdh mar so riù-san a dh' ionnsaidh an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence