Skip to main content

‹‹‹ prev (223) Page 221Page 221

(225) next ››› Page 223Page 223

(224) Page 222 -
222 OSNAIDHEAN BHO IFRINN,
beag dòchais air gu*m bi iad air an tear-
nadh : " Oir cha ghabh iad comhairle 's cha
chreid iad ged èireadh neach o na mairbh."
Tha 'n fhìrinn so air a dearbhadh le losa
Criosd fèin ; ma leughas tu Eoin v. far am
beil an Tighearn a' labhairt uime-fèin, gur e
an dearbh Chriosd ; tha e toirt a steach
ceithir no cùig do dh' f hianaisean gu cuir leis
n'a thubhairt e. 1. Eoin Baiste. (2.) Na h-oib-
richean a thug 'Athair d'a r' an deanamh.
(3.) Athair a labhairt o nèamh. (4.) Teisteas
nan sgriobturan, *nuair a bha so uile deante,
a' faicinn fathast nach creideadh iad, tha e
cur na coire air aon do 'n dà ni so.
1. An spèis a th* aca do mheas am measg
dhaoine.
2. Nach do chreid iad sgriobhaidhean nam
faidhean, eadhon Maois agus càch. " Oir
'nan creideadh sibh Maois," ars' esan *^ chreid-
eadh sibh mise ; oir sgrìobh e mu mo
thimchioll ; ach mur creid sibh a sgrìobh-
aidhean-sa, cionnus a s' urrainn sibh mo
bhriathran-sa chreidsinn ?" A nise, tha mi
'g ràdh, esan a ni tàir air na sgrìobturan, agus
air teisteas nam fàidhean a ta annta mu thim-
ehioll losa Criosd, feumaidh. e bhi ann an mòr
cunnart gu 'n caiii e 'anam ; ma bhuanaicheas
e anns a chor so : do bhrìgh gu 'm beil esan,
a ta deanamh tàir air an teisteas, a' deanamh
mar an ceudna tàir air an ni mu thimchioll am
beil e toirt fianais ; abradh e an aghaidh so cho

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence