Skip to main content

‹‹‹ prev (62) Page 60Page 60

(64) next ››› Page 62Page 62

(63) Page 61 -
NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 61
eadhon deich mìle bliadhna, agus mar sin,
crìochnachadh, bhiodh aobhar chomhfhuirt,
agus dòchas saorsainn ann ; ach 's ann an
80 a tha do thruaighe, 's e sin do staid gu
bràth, ann an so feumaidh tu bhi gu bràth ;
'nuair a sheallas tu mu'n cuairt dut, agus a chì
thu a' chuideachd do-àireamh do dhiabhoil
ulfhartaich *am measg am beil thu, smaointich-
idh tu so a rithist^ 's e so mo chuibhrionn gu
bràth. 'Nuair a dh' f heumas tu bhi ann an
ifrinn cho liugha mhìle bliadhnan 's a tha do
reulltan anns an iormailt, no do bhoinnean anns
a' chuan, no do ghrainean gainmhich air
tràigh na mara, gidheadh is èigin dut laidhe an
sud gu sìorruidh. O ! an t-aon fhacal so
Siorruidh, cia mar a phianas e t'anam.
A Chàirdean, cha tug mi ach biaidh ghoirid
air piantaibh ifrinn. O ! tha mi air stad, tha
mi air stad, agus cha n-eil mi comasach inn-
seadh na tha m' inntinn a' tuigsinn mu phian-
taibh ifrinn. Fòs abram riut, gabh ri tròcair
Dhè trìd ar Tighearn losa Criosd, air eagal
gu 'm mothaich thu sin le do chogais, nach
urraìnn dhomhsa a chuir an cèill le mo theang-
aidh, agus gun abair thu, '' Tha mi air mc
ro-phianadh anns an lasair so."
'* Agus chunnaic e Abrahaim fada uaithe.
agus Lasarus 'na uchd."
'Nuair a tha 'mhuinntir dhamnait' anns an
staìd thruaigh so, air an cuartachadh le eagal
agus uabhas, le pianadh agus dioghaltas,
F

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence