Skip to main content

‹‹‹ prev (63) Page 61Page 61

(65) next ››› Page 63Page 63

(64) Page 62 -
62 OSNAIDHEAN BHO IFRINN^
bithidh aon rud ac', agus 'se so e, chì iad staid
shonaagus bheannaicht' chloinne Dhè : " Chunn-
aic e Abraham fada uaithe, agus Lasarus 'na
uchd;" ni, mar a thuirt mi roimhe, a's e staid
shona nan naomh 'nuair a thig crìoch air
a' bheath so. Bithidh so a nise cho fad' o bhi *na
shochair dhaibh, 's gur ann a ni e gu h-iong-
antach am pianaibh an-tromachadh no àrdach-
adh, mar a thuirt mi roimhe. An sin bithidh
gul, no aobhar bròin, nuaira chì iad Abraham,
agus Isaac, agus lacob, ann an rìoghachd
nèimh, agus iad-fèin air an tilgeadh a mach.
2. Thugaibh fainear, iadsan a tha bàsachadh
'n am peacannan tha iad cian o dhol do nèimh :
" Chunnaic e Abraham fada uaithe, agus Lasa-
rus 'na uchd." Agus gu dearbh^ is ceart do
Dhia buntainn riu-san a bhàsaicheas 'nam
peacannan do rèir na rinn iad ; agus a thoirt
orrasan a tha fada bho ionracas an dràsta, seas-
amhfada bho nèimh tre shìorruidheachd. Eisd-
ìbh ris a so, sibhs' a mhuinntir chruaidh-cbridh*
:ach, a ta fada bho ionracas, agus a ta rùnach-
adh dol air aghaidh n'ur peacannan, 'nuair a
bhàsaicheas sibh, bithidh sibh fada bho nèimh ;
chì sibh Lasarus, ach bithidh e fad' uaibh.
A rithist, '* Chunnaic e Abraham fada uaithe,
agus Lasarus 'na uchd."
'S iad so cuid do na nithibh a chì an
sluagh damnaite cho luath 's a thig iad do
dhòrainn. Thugaibh fainear, agus " Chnnnaic
e Lasarus ann an uchd Abrahaim." Lasarus,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence