Skip to main content

‹‹‹ prev (30) Page 22Page 22

(32) next ››› Page 24Page 24

(31) Page 23 -
NO SEALLADH DE NEAMH. 23
agus bhoilgeadh an daoimein, is lainnirich, no
soillearachd a charhuncih an t-saphir, agus an
r2<è?, agus dearsa dealrach an neamhnaid is ro
luachmhoire, ach mar ghuaileanan marbha gun
lasair an coimeas ris a' ghlòir ud : agus air an
aobhar sin goirear dheth Righ chathair glòire
Dhè, anns am beii dealradh boisgeil me?achd
na diadhachd air f hoillseachadh air a mhodh
is ro urramaiche.
Bha 'n Dia a tha do-labhairt mòr^ a th"
air ardachadh air rìgh-chathair ard a ghlòire,
a* faotainn naomh aoradh o àireamh gun àir-
eamh do naoimh agus do dh' ainglibh-
a' seinn halleluia bith-bhuan 'g a chliùthach-
adh 'na chusbair ro dhealrach r' a amh-
arc. Uime sin, is ceart a theirear ris Dia
na glòire, oir is ann le 'làthairachd ghiòr-
mhor-san a tha na flaitheas mar a tha iad; oir
tha aibhnichean aoibhneis a' sruthadh gun sgur
o'n làthaireachd dhiadhaidh, agus a* co-rèite-
achadh suilbhearachd, aiteas, agus greadhnachas
ri uile-luchd- àiteachaidh beannaichte nam flaith-
eas, ionad chòmhnuidh shòlasach, agusa shuidh-
eachan rìoghail bhith-bhuan fèin ; far am beil
a Mhorachd dhiadhidh a craobh-sgaoileadh na
boisgeanan is ro shaibhir d' a mhathas agus d'
a ghlòir, agus anns am beii a naoimh thaghta
agus a sheirbhisich 'g a amharc agus a moladli
oirdheirceis a tha siorruidh ionmholta. Air
mo shon fèin, bha mo chomas amhairc cho ro
anmhuinn air son am boisge bu lugha, d' an ard-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence