Skip to main content

‹‹‹ prev (29) Page 21Page 21

(31) next ››› Page 23Page 23

(30) Page 22 -
22 AN SAOGHAL A TA RI TEACHD:
dheirecas ghlòrmhor ann. Agus uime sin, tha
Abstol mòr nan cinneaeh, ag innseadh dhuinn
gu'n robh e air a'ghiulan suasguPhàrrais,far an
cual' e briathran do-labhairt^ nach robh comas-
ach do dhuine a chuir an cèill, cha'n eil e 'toirt
cunntas air bith eile uime, ach ** Nach fhaca
sìiil, nach cuala cluas, agus nach tainig e ann
an cridh dhuine n'a thaisg Dia suas dhaibhsan
a tha ga gràdhachadh." Ach bheir mise
cunntas dhuibh mu n'a chunnaic agus n'a
chuala mi, agus mu 'n chòmhradh a bh'
agam ri cuid de 'n mhuinntir bheannaichte,
cho math 'sa tha 'nam chomas agus 'nam
chùimhne.
An uair a bha mi air tùs air mo thabhairtam
fagus do 'n righ-chùirt ghlòrmhor so, chunnaie
mi feachd do-àìreamh de luchd-frithealaidh
dealrach, a ghabh rium le fàilte shuilbhir chum
suitheachan sona an t-sòlais so, agus bha aoidh
aoibhneas làn, agus an fhiirmailt bu mhò
'nan gnùis. Agus chunnaic mi ann an sin an
solus iomlan air nach thigear dlù a tha 'g
atharrachadh gach nìth chum a ghnè fèin ; oir
tha eadhon anmannan nan naomh a th' a:r an
glòrachadh soiUseach, agus dealrach. Cha
mhò a tha iad air an soillseachadh leis a' ghrèin
no le solus cruthaiehte sam bith eile; ach leis an
t' solus dhealrach, shoillseach sin a tha sruth-
adh troimh na h-ionadan nèamhaidh, a ta
brìichdadh o lànachdGlòire na diadhachd; agus
cha 'n 'eil solus na grèin ach mar dhorchadas;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence