Skip to main content

‹‹‹ prev (31) Page 23Page 23

(33) next ››› Page 25Page 25

(32) Page 24 -
24 AN SAOGHAL A TA RI TEACHO !
shollearachd o 'n tobair bhith-bhuan ud d' a
sholus agus d' a ghlòir a shuidh air an rìgh-
chathair a ghiùlan, is gu 'm b' èigin dhomh
glaodh amach ri m' f hear-iìiil. ** Tha'n sealladh
cho làn so, de ghlòir ro mhòr air son a ghiùlan
le bàsmhorachd anmhann; gidheadh tha e cho
ùrail agus cho taitneach, is gu 'm bu mhiann
leam a bhi 'ga amharc ged a gheibhinn bàs !"
AingeaL Ni h-eadh, ni h-eadh, ars m'
f hear-iiìil, cha tig am bàs a steach do'n ionad
bheannaichte so ; oir an so tha beatha agus
neo-bhàsmhorachd a' chòmhnuidh ; cha'n eil
nìth sam bith aig peacadh no doilgheas r'a
dheanamh ann : oir 'se glòir an ionaid
shona so gu 'm beil e gu siorruidh saor o na
h-uile nìth a tha olc ; agus mar bitheadh e mar
sìn, bhiodh ar sòlas eadhon ann neo-iomlan.
Ach thig thusa maille riumsa, agus bheir
mi thu chum aon a tha ann sa' cholluinn, mar a
tha thu fèin ; bidh còmhradh ris-san rè tacain,
gus an cuir mise teachdaireachd eile uam, agus
an deigh sin seòlaidh mi thu a rithist air t' ais.
Ephenet, O b 'fhearr (ars mise, le rudaig-
in dùrachd) gu 'n leigeadh tu dhomh fanntainn
ann an so ; oir anns an àite so cha 'n 'eil feum
air bùthan a' thogail,oir tha na h-ionadancòmh-
naidh nèamhaidh an so ullamh rèidh.
Fhreagair mo theachdaire soiUseach, Ann an
so, an ceann tamuil, bithidh tu air do shuidh-
eachadh gu siorruidh; ach feumaidh ùmhlachd
a bhi air a thoirt an tùs d' an rùn dhiadhaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence