Skip to main content

‹‹‹ prev (277)

(279) next ›››

(278)
2.^o The Fians.
" 'S ioma gaisgeach 's miosa an tigh Fhinn an nochd ged tha
mise a so air bheagan meas."
" Cha 'n 'eil thu gun mheas idir," thuirt ise.
"Tha,"thuirt esan, "mi gun choimhead gun fharraid 's b'
fhearr leam gu 'n robh mi an diugh le Fionn 's le 'mhaithibh.
Cha 'n 'eil iarraidh orm a so, 's bithidh mi falbh."
" An aite sin 's ann tha moran meas ort ; 's ann deanamh
eudaich dhuit bha mise," 's thug i mach eudach air dheanamh
do na h-uile seorsa bian.
"Falbhaidh mi co dhiu," ors' esan, '"s fanaidh tusa an so."
"Ma dh' flialbhas," thuirt ise, "cuiridh tu ort an t-eudach, 's
cha 'n fhuirich mise an so ; cha bhi eadar-dhealachadh ann."
" Ma dh' fhalbhas tu leam air ceum mo shiubhal," ors' esan,
" 's ann air chumhnanta nach abair thu m' ainm rium fhad 's a
bhios mi beo," 's dh' aontaich Lleis.
Dar rainig iad tigh Fhinn bhuail e beum-sgeithe, gum bu
ghaisgeach esan air son cosnaidh. Thainig Fionn a mach 's dh'
fharraid e co e na ciod an cosnadh b' urrainn dha dheanamh.
" Se an cosnadh a ni mi an t-seilg a dheanamh 's a bhruich,
mu 'n dig do mhaithibh-sa dhachaidh am maireach, ma leigeas
tu mise air an darna taobh do 'n bheinn 's ma chuireas tu iadsan
air an taobh eile."
Ghabh maithibh Fhinn uaill agus ardan gu 'n gabhadh aon
neach fos laimh tarcuis a dheanamh orra, ach dar thainig iad
dhachaidh an la 'r 'n ath-mhaireach bha an t-seilg deanta bruich
rompa.
" Innis 'de an duals a bhitheas tu ag iarraidh, nis, bho 'n leig
thu fhaicinn do dheagh sheirbhis," thuirt Fionn ris.
"Se mo thuarasdal," crs' esan, "da thrian do 'm thoil fhein
bhi agam, 's aon trian do d' thoil fhein a bhi agadsa 's a chiad
fhacal do mhnathan na Feinne a bhi aig do bheansa, 's an
darna facal aig mo bheansa."
Bha iad so tighinn beo gu solasach, gus aon latha am faca iad
curachan mor tighinn dh' ionnsuidh a 'chladaich anns an robh
da bhoirionnach gun chuimhseadh air meudachd. Leum te
dhiu air tir 's dh' iarr i Fionn chur nuas, gu 'n robh aice-sa sid
leine a bha i latha 's bliadhna a 'deanamh dha, 's gur iomadh
aomadh 's h-aitibh roi' an d' thainig i mu 'n do bhuanaich i sid.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence