Skip to main content

‹‹‹ prev (276)

(278) next ›››

(277)
Ccudach. 229
her from the sea, and the one that was coming after
throwing the head of the one who was before him, and
the head going on him again as before. With the astonish-
ment she felt, she Hfted the sword that Ceudach had
saying : " Why should I not try the small play ?" and
threw off his head, when she found him alive and as
well as when she parted from him.
Ceudach Mac Rich nan Collach.
Bha ann aon h-uair roi' so triuir mhac righrean b' iad sin Diuc
Uaine Mac Righ na Frainge, Diuc Gle-Gheal Mac Righ an h-6ir,
's Ceudach Mac Righ nan Collach, 's chuir iad an cinn ri cheile
gu 'm falbhadh iad dh' iarraidh bean do Dhiuc Uaine Mac Righ
na Frainge. Rainig iad baile mbr 's bha iad 'ga shiubhal 's a'
spaidsearachd air 'fheadh gus an d' fhuair iad sealladh air an te
bha iad an toir oirre aig uinneag tigh a h-athar, Righ Mhidia.
Bhuail iad beuni sgeithe ceile comhrag no nighinn Righ Mhidia
a chur a mach. Fhuair iad comhrag gaisge 's chaith iad i,
gus nach d' fhag iad aon ghaisgeach air sgeul aig an righ nach
do mharbh iad. Thuirt an righ nach fhaigheadh a h-aon a
nighean, ach am fear a bheireadh leum nan ceithir seang a
dh' ionnsuidh 'n aite 'san robh i. Rinn Ceudach Mac Righ
nan Collach so, 's rug e oirre le greim diorrasach gun stri gun
chabhaig 's bha i sabhailte aige. Cha robh fios an so c6
fear dhiu gheibheadh i bho 'n bha iad uile 'nan Ian ghaisgich.
Thuirt an righ gum faigheadh am fear a b' fhearr leatha fhein
a leantuinn. "Theid sinn do 'nt-sabhal," thuirt Ceudach Mac
Righ nan Collach. Dar fhuair e san t-sabhal iad, thuirt e riu gu
'n deanadh iad "a'bhuailemhiosdean" 's gu'ncuireadhiad ise san
teas meadhon gus an tigeadh tuainealach oirre, 's gu 'm fosgladh
iad tri dorsan an t-sabhail 's fear 'sam bith a leanadh i mach dhiu
gum b 'e sin am fear leis am bitheadh i. Rinn iad so 's lean ise
Ceudach 's dh' fhuirich esan leatha an tigh a h-athar. Dar bha
iad comhla car uine bha e 'cur iongantas mbr air-san nach
robh i ri fhaicinn ach corr uair. Latha bha sin dar a bha iad
'nan suidhe aig am biadh thuirt esan 's e tarruing osnadh throra :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence