Skip to main content

‹‹‹ prev (236)

(238) next ›››

(237)
Finn Mac Coul. 189
An ath-oidhche, bha 'n righ ag iarraidh dol e f^in do'n ait-
chomhraig, "A chionn," thuirt e, "gu'n tig fear a's mb na'm
fear ud a nochd ; agus bidh an rigbeachd air a sgrios, agus tu
f^in air do mharbhadh ; 's nach e sin an tlachd a tba mi
gabhail ann thu bhith agam." Ach dh'fhalbh Fionn, is
thachair gach ni mar a thachair roimhe, gus an d' thainig am
fear mor ud a ris ag iarraidh dioghaltais air son a mhic, agus
an righeachd a bhith aige, no comhrag ceile. Thoisich e
fhein is Fionn ; is bha Fionn a'dol air 'ais, Labhair e ri Bran,
" A bheil thu dol a leigeadh leis mise a mharbhadh ?" Thug
Bran gnusd as, agus dh'fhalbh e is rinn e suidhe air an traigh.
Bha Fionn a' sior-dhol air 'ais, agus ghlaodh e a ris ri Bran.
I.eum Bran is bhuail e a' bhrbg nimhe air an Fhear Mhor, is
thug e'n cridhe 's an sgamhan as. Ghekrr Fionn an ceann
dheth, agus thug e leis e, agus dh'fhag e air bialthaobh an
taighe e. Dhiiisg an righ ann an eagal mbr agus ghlaodh e,
" Mo righeachd air a call, agus mo throich agus mo mheasan
air am marbhadh !" Thug Fionn togail air fein, agus thubhairt
e nach robh ; agus cha bu bheag gairdeachas an righ 'nuair a
chaidh e mach, agus a chunnaic e'n ceann a bha air bialthaobh
an taighe.
An ath-oidhche, thainig cailleach mhbrgu tir, agus dheanadh
an fhiacail a bha 'n dorus a bebil cuigeal. Bhuail i beum-
sgeithe : " Mharbh thu," ars' ise, " m' fhear agus mo mhac."
" Mharbh mi," thuirt Fionn. Thbisich iad air a ch^ile ; agus
bu mhiosa do Fhionn e fhein a dhion o'n fhiacail na o' n laimh
aig a' chaillich. 'Nuair a bha i brath foghnachdainn da, bhuail
Bran i leis a' bhrbig nimhe, is mharbh e i mar a rinn e air
each. Thug Fionn leis an ceann, is dh' fhag e air bialthaobh
an taighe e. Dhuisg an righ ann an iomguin mhbir agus
ghlaodh e, " Tha mo righeachd air a call, agus mo throich agus
mo mheasan air am marbhadh !" " Cha 'n 'eil," thuirt Fionn,
is e 'g a fhreagairt ; agus an uair a chaidh iad a mach, agus a
chunnaic iad an ceann, thuirt an righ, " Bidh a nis tuilleadh
s'lth agams' agus aig mo righeachd. Tha an so mathair na
cuain i fhein air a marbhadh ; ach innis dhomh cb thu. Bha
e 'san tairgneachd agam-sa gur h-e Fionn MacCumhaill a
bheireadh fuasgladh dhomh, 's cha 'n 'eil e ach ochd bliadhna

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence