Skip to main content

‹‹‹ prev (235)

(237) next ›››

(236)
The Fians.
'na nathair bheumnaich ; agus thainig am fear mor ud a nios.
"A bheil thus' an so a nochd a ris?" ars' e-san. " Tha mi,
agus is e sud mo thurus : 'nuair a bha a' bhan-righinn 'ga cur
arms a' chiste-mhairbh, agus a chual' an righa' chiste 'ga tarraing-
eachadh agus buille nan saor, bhrist a chridhe le cradh agus le
mulad ; agus chuir a' Pharlamaid mise a dh'iarraidh ort gu'n
rachadh tu dhachaidh air an oidhche so, gus am faigheadh iad
an righ a thiodhlacadh." Dh'fhalbh an t-Athach air an oidhche
so cuideachd, agus gnodhan orain aige 'na bheul ; is chaidh
Fionn dachaidh dar a thainig an t-am.
'Sa' mhadainn dhuisg an righ ann an iomguin mhoir, agus
ghlaodh e mach, " Mo righeachd air a call, agus mo throich
agus mo mheasan air am marbhadh !" Agus rinn e gairdeachas
gu leoir gu'n robh Fionn is Bran beo, 's gu'n d'fhuair e fhein
fois an deigh a bhith co fada gun chadal.
Chaidh Fionn an treas oidhche ann, agus thachair mar a
thachair roimhe. Cha robh duine air thoiseach air ; bhuail e
air spaisdeireachd. Chunnaic e'n fhairge tighin gus an d'
rainig i shios fodha ; thainig an t-Athach mor a nios ; chunnaic
e'n duradan beag ud, 's dh'fhebraich e c6 a bha'n sud, is ciod
a bha 'dhith air. " Thainig mi g'ad chomhrag-sa," arsa Fionn.
Thbisich Fionn is Bran air a' chbmhrag ; ach bha Fionn
a'dol air 'ais an comhair a chuil, is bha 'm fear mor 'ga leanailt.
Ghlaodh Fionn ri Bran, " A bheil thu dol a leigeil leis mo
mharbhadh ?" Bha brbg nimhe air Bran ; agus leum e agus
bhuail e a' bhrbg nimhe air an Fhear Mhbr ann an carraig an
uchd, agus thug e 'n cridhe agus an sgamhan as. Tharraing
Fionn Mac-an-Luin agus ghearr e dheth an ceann, agus chuir
e air ropa cainbe e, agus dh'ihalbh e leis gu palace an righ.
Thug e staigh do'n chitsein e, agus chuir e cul an doruis e.
'Sa' mhadainn, cha b' urrainn an l-searbhant car a chur deth,
no an dorus fhosgladh. Chaidh an righ a sios ; chunnaic e'n
tiichd mor ud ; rug e air muUach a chinn agus thog se e, agus
dh'aithnich e gur h-e a bh'ann ceann an fhir, a bha a leithid
a dh'uine 'g iarraidh comhraig air, agus 'ga chumail o chadal.
" Ciamar idir," ars' e-san, " a thainig an ceann so an so ? Gu
cinnteach, cha'n e mo throich a rinn e." " C arson," arsa
Fionn, " nach b' e ?"

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence