Skip to main content

‹‹‹ prev (146)

(148) next ›››

(147)
OssiiiJi after the Fians. 99
Thilg an t-Oscar le Ian fheirg
A chraosnach dhearg a laimh chli,
Agus mharbhadh leis steud an fhir,
Bu mhor an t-euchd a chinnich leinn.
Nuair thuit an steud air an Leirg,
Is thionndaidh e le fearg is fraoch
'S bhagair e ge cruaidh an cas
Comhrag air caogad laoch.
Nach bhuam-sa 's bho m' athair fhein.
Chaidh caogad laoch nach tiom 'na dhail,
Ge mor an spionnadh 's an treis,
Gu'n gheall e 'n casgairt le laimh.
('S dh' fhagadh e sinne fo shreing
'S bheireadh e bhean leis.)
Bheireadh da bhuille gu mear
Gu dian do gach fear dhiu sin
Do bhitheamaid uile fo uir
Mar biodh thu ag comhrag fir.
Chuir sinn naoi naoinear gu luath
San iorghuill chruaidh mu'n do sguir .
'S ceangal guineach na tri chaol
Air gach laoch dhiu sin do chuir.
A chlanna Morna, cruaidh an cas
Na fhuair bas bu mhor an sgeul
'S cha robh aon a thainig as
Gun a chneas fuidh iomadh ceuchd.
[Fad bliadhna 'gan leigheas aig Fionn.]
Do dhruid Goll an aigne mhir
A bhualadh an fhir sa chaol rod,
Ge be chiteadh iad an sin
Bu gharbh an goil 's an gleo,
Bha claidheamhna ac' air an soc
A leadairt chorp agus sgiath
'S an tineal comhraig a bh' aig an di 's
Cha-n fhaca sinne roimhe riamh.
7'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence