Skip to main content

‹‹‹ prev (145)

(147) next ›››

(146)
98 The Fians.
'S e cluich nan cleas os a chionn
'S e tighinn an drimlinn a 'chuain.
Neul flath agus rosg righ
An ceann an fhir bu chaomh cruth.
Bu mhath a shnuadh 's bu gheal a dheud,
Bu luaithe steud na gach sruth.
Thainig an steud sin air tir
'S am fear nach bu mhin ris an Fheinn
Caogad laoch a bhitheamaid ann,
G'a choinneachadh (ri innseadh gur nar),
"De 'n t-suinn?" nuair thainig air tir
Dh' fharraid an righ bu mhath cliii,
" An aithnich thu fein, a bhean,
An e sud am fear a deir thu?"
" Aithneam, a Mhic Cumhail, 'Fhinn,
Gur puthar leam e do d' Fheinn
'S gu'n geall e mise thoirt leis
Ge mor bhur neart anns an Fheinn."
Dh' eirich Oscar is dh' eirich Goll
Bu bhorb an casgairt lorn sa chath,
'S sheas iad an gar an t-slbigh
Eadar am fear mbr 's a' bhean.
Cha d' fhiach e lann no sgiath
Do laoch no triath g'an robh ann
'S gu'n d' rinn e tair air an Fheinn
Gus an d' rainig e fein Fionn.
Thai nig. an laoch bu mhath tlachd
Le fiaoch 's le neart 'na cheann
'S gu'n do sguab e leis a' bhean
'S i air guaillibh fhearaibh Fhinn.
Thug Mac-Morn an urchair gheur,
As dha laimh gu cruaidh 'na deigh :
'S ged nach do bhean an urchair da chreubh
Do a sgiath gu'n d' rinn e da bhloigh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence