Skip to main content

‹‹‹ prev (395)

(397) next ›››

(396)
352 TUILLEADH DHUILLEAG
ford Northcote gu 'n d' thainig teachdaireachd gu Tigh
na Pàrlamaid uime; agus gu 'n robh na li-uile neach
duilieh air son na thachair. 'S ann gu Cùirneal Stan-
ley a thàinig am fios. Chuir mise teachdaireachd gu
mòran chàirdean mu 'n sgeula bhr(Mn.
Chuir am Brùnach 'us mi fhein gach ni anns na
cisteachan. Cha b' urrainn dhomh innse an t-uamhas
a bh' orm. Cha' n' eil toiseach sàmhraidh an uair a
tha sinn an so nach eil fios bàis neach rìoghail air
choir-eigin a tighinn 'g ar 'n ionnsuidh, air chor 's gu 'm
bheil againn ris na fèisdean stàtail a chuir dhe.
Chaidh mi gu ruig tigh Dhònuil Stiùbhairt anns a'
charbad aig fichead mionaid an deigh aon-uair-deug a'
ghabhail beannachd leòtha. Chaidh sinn air adhart
bho sin gu tigh Profeit. Stad sinn aig dorus bùth
Shimoin 'us ghabh sin beannachd leis a' bhean agus
chaidh sinn an dèigh sin gu tigh a' Bhrùnaich los
beannachd fhàgail aig muinntir Uisdean. Thill sinn
dachaidh aig fichead mionaid an deigh dà-uair-dheug
agus thug mise greis air sgrlobhadh.
Fhuair mi fios bho Morair Sydney ag ràdh gu 'n d'
innis e sgtjula a chruadail do 'n Bhan-impireadh ghao-
laich. Cha b' urrainn dhi 'clireidsinn an toiseach ach
an uair a thuig i gu 'n robh e tuilleadh 's fior bhris a
cridhe. Och 's e 'n deuchainn mhor e !
Ghabh mise 'us Beatrais ar tràth-nòin ann an seòmar
mo ghaoil Ailbeart. Bha Beatrais fodh throm bhròn 's
gu dearbh bha sinn uile sin. Bha eadhoin an fheadhain
dha nach b' aitlme iad hin cofhaireachdinn air son
gnothuch cho cruaidh. Bha e na ghille cho grinn, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence