Skip to main content

‹‹‹ prev (392)

(394) next ›››

(393)
BHO m' leabhar-latha. 349
ar mulad mu Mhàiri bliig m' fheudaiP agus ar cùram
mu chàch agus an siu a chrùnadh gach brùin eile
Alice mo ghaol air a toirt uainn agus na deigli, mo
luaidh beas; Waldie.^
BAS PEIONXSA IMPIREAL NA 'M
FRANGACH.
Caisteal Bhaile-Mhoireil,
Diardaoin, an ìuiothamh latha deug de
'n mhìos Bhuidhe, 1879.
Bhuail am Brùnach aig mo dhorus aig fichead mion-
aid roimh aon-uair-deug, agus an dèigh tighinn a stigli
thuirt e gu 'n robh droch naigheachd aige ; agus an uair
a dh' fheòraich mi le clisgeadh gu dè bh' air aimhreadh
thuirt e gu 'n robh am Prionnsa òg Frangach air a mhar-
bhadh ; cha b' urrainn domh bhriathran a' thuigsinn
no 'ghabhail a stigh agus dh' fheòraich mi a rithist agus
a rithist dhe gu dè a bha e' ciallachadh, agus an sin
thàinig Beatrais agus an telegram aice 'na làimh agus i
ag ràdh, " tha 'm Prionnsa Prangach air a mhar-
bhadh ! " Gu dearbh tha gaoir a' dol troimh m' fheòil
a nise an uair a tha mi cuimhneachadh na 'm briathran.
1 An leanabh a b' òige a bh' aig mo rùn Alice, dh' ^ug i le diphtheria
air an sìathamh latha dèug de mhios meadhoin a' Gheàmhraidh, 1878.
Fhuair sinn an naigheachd mu 'n d' fhàg sinn Baile-Mhoireil.
^ Prionnsa Waldemar a mac a b' òige aig Ban-phrionnsa Crùin ua
Gearmailt, dh' èug e le diphtheria air an t-seachdamh latha fichead
de 'n Mhàrt.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence