Skip to main content

‹‹‹ prev (391)

(393) next ›››

(392)
348 TUILLEADH DHUILLEAG
AN CUIMHNE GHRÀDHAICH
AIR
ALICE, ÀRD BHAN-DIÙC HESSE,
Ban-phrionnsa de Rloghachd Bhrcatainn 'us Eirinn,
A RUGADH AIR A CHÒIGEAMH LATHA FICHEAD DE 'N
GHIBLEAN, AGUS A DH' ÈUG AIR a' CHEATHRAMH
LATHA DEUG DE 'N DÙDLACHD,
THA SO AIR A CHUR SUAS LE
A MÀTHAIR BHRÒNUICH,
BAN-RÌGH VICTORIA.
"Mairidh a h-ainm beò, ged nach eil i' an so nis niò.''
Choisicli siiin an deigh sin gu tigh Dhònuil Stiùbhairt
'us chaidh sinn a stigh ann ; ghabh sinn a rithist gu tigh
a' Ghranntaich. Bha ar faicinn a' cur mulaid orra uile
an dèigh bàis Alice mo ghaol. Thòisich an Granntach
bochd ^ ri gal agus cha b' urrainn da tighinn a stigh do
'n t-seòmar anns an robh sinn cha robh againn ach tigh-
inn dachaidh gle chianail an diugh do Bhaile-Mhoireil,
agus bha gach bròu a thàinig orin air au ùrachadh
dhomh. An iomaguin a bh' oirnn mu Ernie beag^
^ Dh' èug an Granntach air an t-seachdamh latha deug de cheud
mhìos a' Gheamhraidh, 1878, agus e trì fichead bliadhna agus a deich a
dh' aois. Fhuair e pension 'an 1875 agus chaidh e a' dh' fhuireach do
àite dlùth air Baile-Mhoireil ris an abrar an Rudha-breac agus b'
hbhaisd dhuinne dol an sin gu tric 'g a amharc agus bha mise a' dol
'g a fliaicinn na h-uile latha an uair a blia e air leabaidli a bliliis. Agus
bha mi 's an tigh aige an uair a dh' fhalbh iad leis 'g a thiodhlacadh
anns a' Bhraighe-mhor.
2 Mac Alice a bha 'n a luidhe le diphtheria aig a' cheart am ri
Ijheathraichean 'us ri athair.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence