Skip to main content

‹‹‹ prev (234)

(236) next ›››

(235)
BHO m' leabhar-latha. 195
de 'n chreideamh agus de 'n dòchus sin is urrainn a
mhàin an eridhe briste a chomhfhurtachadh agus a
chumail suas. Thuirt e na shearmoin gu 'm feudadh
sith a' bhi aig neach agus e gun sòlas agus gu 'm feudadh
sòlas a bhi aig neach gun sith na lorg agus gu dearbh
tha sin fior.
Baile-Mhoieeil,
Didònuich, an t-aona latha deug dc
'n mhìos bhuidhc, 1865.
Einn mi oithearp shònruichte 'us chaidh agam air dol
do 'n eaglais aig dà-uair-dheug leis na caileagan agus
Ban-diùc Athull. Cha robh mi innte idir an uiridh ach
aon fheasgar beagan mu 'n d' f hag sinn mu dheireadli an
Fhoghair 'us liha mi cho hiaisgeanach 'na dheigh. Bha
mi toilichte an diugh nach robh dùil aig neach ri mi
dhol ann. Bha seirbhis glè dhrùighteach aig an Dr
Macleòid. Be a cheann-teagaisg an deicheamh rann de
cheud litir na 'n Tesselònianach. Cha 'n 'eil neach ann
a lèughas am Biobull nis fearr na e agus bha na h-
ùrnuighean aige cho breagha. Tha 'n ùrnuigh air mo
shonsa daonnan cho làn co-fhaireachdain agus an diugh
ghuidh e innte cho grinn air son Alix agus a leanabh
beag. Thug an t-seinn agus an t-seirbhis uile ormsa
'bhi sileadh nan deur. Bha mi faireachdain cho
aonaranach ! Bha gach ni cur na m' chuimhne na
amanan beannuichte a dh' fhalbh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence