Skip to main content

‹‹‹ prev (233)

(235) next ›››

(234)
194 TUILLEADH DHUILLEAG
an t-saoghal ri teachd inar ni da rireamh. Sheall mi an
dèigh sin dha dealbh na h-iomhaigh hiidhe a rinn Maro-
chetti agus thuirt e gur e 'n dealbh a bha gu h-iosal an
trànnsa bu choltaiche ris.
Didònuìch, an ceathramh lathafichead
de 'n chèitein, 1863.
Se 'n diugh an latha breith bochd agamsa !
Thòisich an t-seirbhis aig an Dr Macleòid aig ceath-
ramh an dèigh deich. Bha chloinn uile 's an làthair ach
mo leanaban, liiugh e an deicheamh sahn thar a' cheithir
tìchead agus an treas sahii thar a' cheud ; lèugh e an
naothamh rann de 'n cheathramh caibdeal thar an
fhichead de 'n t-soisgeal a reir Mhata : bha 'n t-sear-
moin glè bhreagha ach lèugh e i 'n uair so leis nach robh
tuilleadh tìm aige air meòrachadh oirre, chunnaic mi 's
an fheasgar e 'us bha e cho tairis 's cho chaoimhneil
rium.
Didònuich, an naothamh Intha dc mhìos mu
dheireadh an Fhoghair, 1864.
Chaidh mi aig ceitliir uairean do 'n eaglais le Eileag
agus le Augusta Stanley. Thug an Dr Macleòid seirbhis
thaitneach dhuinn agus rinn e searmoin bhreagha gun
fhocal di a lèughadh agus bhean i gu mòr ri faireach-
tlinn an t-skiaigh, chunnaic mi 'n duine còir 'an dèigh
sin, agus chuir e troimh cheile orm a bhi 'g innseadh
dha mu 'm bhròn, agus mu m' iomagain mhòir, 'us an
trom-chùram, a bh' orm ; ach bha esan cho chaoimhneil
agus cho faireachdail, blia e cho misneachail 'us cho l<\n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence