Skip to main content

‹‹‹ prev (161)

(163) next ›››

(162)
124 TUILLEADH DHUILLEAG
toil againn a lihi dhachaidh tuilleàdh 's hiath ghal)li sinn
an rathad cho socrach ghasda. Bha beagan sluaigh
cruinn aig Sron-a-chlachair ri 'r falbh 's ri 'r tilleadh,
ghabh sinn ar tea 'am bata-na-sniiiid. Bha 'n duine
grinn sin air am bheil fior choltas an duin' uasail Mr
Blàr, fear tigh òsda na Tròsaich, a' feitheamh oirnn a
falbh 's a tighinn, 's ann leis a' tha bata-smuid " Loch
Katrine," agus thug e dhuinn uachdar oibrichte.
'S e fior thuras toilichte a bh' againn a' seòladh air an
loch àillidh so, agus bha ar sgriob dhachaidh 's a' charbad
tromh 'n Tròsaich glè thaitneach. Chaidh sinn 's a'
bhàta a rithist far an d' thàinig sinn aisde 's a' mhaduinn,
agus dh' iomair sinn thairis ; ach bha e glè neo-thoilichte
leinn, bha ghaoth air eirigh 's caitein air an loch 's am
bàta beag air a luasgadh air na tuinn mar gum biodh
plaosg uibhe ann. Thàinig uisge a stigh air a bhàta
bheag 's an robh an dithis eile, mharcaich sinn air
adhart 'us fhuair sinn dachaidh aig leth-uair an deigh
seachd. 'S e so an aon contretcmps a bh' againn air an
latha thoilichte thaitneach so. 'S e ni' fheudail Ailbeart
a bhiodh air an toilinntinn a ghabhail ann.
Bha 'n dinnear mar air na làithean roimhe agus leugh
Sìne na pàipearan naigheachd dhomh. Chaidh sinn a
bhliadhna gus an diugh troimh 'm Briinig Pass.
Dldònuich, an còigeamh latha dc mhìos
meadhoin an Fhoghair.
Bha maduinn dhorcha ghruamach ann. Rinn mi
suas m' inntinn air son gu 'n dol do 'n Eaglais leis na
bhiodh de shluaoh ann, chaidh Beatrais 'us mise a mach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence