Skip to main content

‹‹‹ prev (160)

(162) next ›››

(161)
BHO m' leabhar-latha. 123
de choille bhreagha. Tha gleann a' ruith tarsuing a' so
bho 'n Tairbeart a nùll gu Arrochar aig taobh Loch
Lòng. Chuiinaic sinn as a' so am monaclh air am bheil
cumadh cho neònach 's ris an abair iad an " Cobbler "
agus beagan air adhart t'huair sinn sealladh de na
beanntan breagha sin " Alps " Arrochair. Chuir mar a tha
na cnuic a' ruith a stigh do 'n loch, agus na li-uile ni
eile a chunnaic mi Nasen a tha làmh ri Locli Lucerne
na m' chuimhne.
Tha ceann an loch agus gleann Fallach anabarrach
breagha, 's e so an rathad a ghabhar le carbad a dhol
do 'n Oban. Tharruing Liùsaidh 'us mise dealbhan de
chuid do na h-àiteachan mar a b' fearr a b' urrainn
duinn, ach cha robh e furasda agus bata-na-smùid a
cuniail air a h-adhart ; bha sinn a rithist duilich nach
d' iarr sinn orra deanadh air an socair, an uair a chunnaic
sinn gun robh againn ri feitheamh greis ris an " Eob
Kuadh " aig Sròn-a-chlachair. Thill sinn far am bheil
tigh òsda Inbher-Earanain, aig ceann Loch Laoimean ;
chunnaic sinn toll ann an creig air an taobh 'n ear ris an
abair iad " Uanih Eob Euaidh " agus an dèigh sin chaidh
sinn air tir aig Inbher-Snàid. Bha grùn math sluaigh
an sin 'us thilg iad badain fhraoich ga 'r ionnsuidh 's an
dol seachad 's e 'm fraoch a th' aca cur sgeimh air na
h-uile rud an so, agus gu dearbh fhein cha b' urrainn ni
'bu bhòidhche a bhi aca, 's e cho breagha na bhadain
throma fo làn bhlàth. Tha na beanntan an so fior
àillidh le 'n sgorran creagach biorach 's le 'n trusgain
rìomhach de fheur 's de chraobhan. Bha 'm feasgar cho
soillear 's cho blàth 's cho taitneach 's leis nach robh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence