Skip to main content

‹‹‹ prev (118)

(120) next ›››

(119)
BHO M LEABHAR-LATHA. 85
Ach ged a thàinig iia innathan frithealaidh cha d' thài-
nig ar treallach turais. Dh' fheith sinn gus an tug
sinn dùil thairis 's gus an d' thàinig uair na dinneir.
Thug an Eidire Tòmas gu glic cuid dhe ghoireasan leis
ach b' fheudar dhuinne (na nmathan-uaisle) dol gu ar
dinneir 'n ar eididh-marcachd dìreach mar a bha sinn,
cha robh curachd idir agamsa agus b' fheudar a dh'
Aimili brat-gnuise dubh leatha fhèin a chur an òrdugh
orm na chòmhdach-cinn. Bha mi a' sgrìobhadh 's a
leigeadh m' anail roimh an dinneir. Dh' fhan an Diùc
anns an tigh 'us ghabh e fhein 'us an Pàdire Tomas an
dinneir leinn.
Cha robh atharrachadh eudaich idir aig na seirbhisich
no aig na mnathan-uaisle. An deigh na dinneir chaidli
mise le Liùsaidh 's le Sine Churchill do 'n t-seòmar-
cuideachd a bha air a thoirt dòmhsa mar sheòmar-
suidhe, agus thug Sìne greis air lèughadh dhuinn. An
uair a bha sinn aig ar dinneir aig leth-uair an dèigh
naoi dh' innis an Eosach dhuinn gu 'n robh Blake an
gille-coise air tighinn le cuid dhe 'n treallaich turais
èutrom ach cha robh ni dhe na goireasan sònruichte a
bha dliì oirnn aige leis, no èudach sam bith. Bhris
carbad na treallaich turais sios gu tur aig Tòm-an-t-
sabhail agus chaidh Blake le cairt gu Baile-nan-Duffacli
far an d' fhuair e carbad beag anns an d' thug e na
rudan èutrom leis. Bha 'n treallaich thròm a' tighinn
'an cairt a bha iad 'an dòchas a bhi againn aig dà-uair-
dheug. Theab nach faigheadh iad eich ach le strith
mhòir fhuair iad feaghahm. Dh' fhàg Liùsaidh 'us
Sìne Churchill mi aig aon-uair-deug.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence