Skip to main content

‹‹‹ prev (86)

(88) next ›››

(87)
83
21 Agus thug an Tighearna Dia air codal
trom tuiteam air Adhamh, agus choidil e :
agus ghabh e h-aon d'a aisnibh, agus dhùin
22 e an fheoil suas "'na h-àit. Agus thog an
Tighearna Dia an aisne a thug e o'n duine
suas 'na mnaoi, agus thug e i chum an
duine.
23 Agus thubhairt Adhamh, So a nis
cnàimh do m' chnàmhaibh, agus feoil do
m' f heoil-sa : goirear bean dith, do bhrìgh
24 gur ann as an duine a thugadh i. Air an
aobhar sin fàgaidh fear 'athair agus a mhàth-
air, agus dlùth-leanaidh se r'a mhnaoi;
25 agus bithidh iad 'nan aon fheoil. Agus
bha iad le chèile lomnochd, an duine agus
a bhean ; agus cha robh nàire orra.
GENESIS.
1 Caib. III. — A nis bha an nathair ni l)u
sheòha na h-aon do. bheathaichibh na mach-
arach a rinn an Tighearna Dia; agus
thubhairt i ris a"* mhnaoi, Seadh, an dubh-
airt Dia, Cha'n ith sibh do gach craoibh
2 sa' ghàradh ? Agus thubhairt a' bhean ris
an nathair, Do mheas craobhan a' ghàr-
3 aidh feudaidh sinn itheadh : Ach do mheas
na craoibhe a ta ann am meadhon a' ghàr-
aidh, thubhairt Dia, Cha'n ith sibh dheth,
agus cha bhean sibh ris, a chum nach faigh
4 sibh bàs. Agus thubhairt an nathair ris a'
mhnaoi, Gu cinnteach cha'n fhaigh sibh bàs:

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence