Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
15
Bha an saighdear dìleas d'a righ. Dallaidh
tiodhlac sùilean an duine ghlic. Bha e tul-
chuiseach 'na ghniomh. Thug a namhaid
toibheum dha. Is tamailteach an gnothuch
so. Tha e tiom-chridheach. Eiridh mi mu
chamhanaich an Jà, agus theid mi mach gu
beachd-smuaineachadh sanfhaiche. — (K.) T.d.
29.
(A.) MU UMHLACHD DO PHAllANTAIBH.
A mhic mo ghaoil, thoir urram do fathair
a ghin thu ; agus thoir ùmhlachd do d" mhà-
thair a rug thu. O bheathaichibh na machar-
ach foghlurn gliocas ; o eunlaith nan speur
faigh tuigse. Rach do'n fhàsach, agus thoir
fa'near a' chorra-bhàn. Labhradh i ri do
chridhe, agus dùisgeadh i teas-ghràdh a\l
chom. Giulainidh i a pàrant aosmhor gu
caomh air a sgiathaibh ; cuiridh i ann an àitc
tàimh agus fois e, — gleidhidh i e gu tèaruinte,
— agus solaraidh i lòn lathail air a shon.
Is taitneach, òganaich mo rùin, seadh is ro-
thlachdmhor ùmhlachd, agus irioslachd, agus
teas-ghràdh na li-òige. Tha urram dligheacli
do'n aosda, agus tha umhlachd do phàrantaibh
ni's cvibhraidh na tùis dheadh fhàile. Bi thu-
sa taingeil do t'athair, oir is e a sholair air do
shon 'nuair a bha thu maoth agus eu-com-
asach air thu fein eiridinn : bi taingeil do d'
mhàthair, oir is ise a chum suas agus a dh' al-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence