Skip to main content

‹‹‹ prev (9)

(11) next ›››

(10)
8
12. Dh'iomchair e eallach throni. Bha ar
nàdur air a shalachadh agus air a thruaill-
eadh le sal a"* pheacaidh. Mhothaich e gu goirt
gu'n robh a chridhe do-lubadh a dh'ionnsuidh
an ni a ta maith. Cuir cùl ris gach droch-
bheart ; lean eisempleir nan daoine ghce, agus
thig thu gu h-urram. Tha sinn so-aomadh
chum an uilc. Cha'n 'eil ach beag toil-inntinn
sa'' bheatlia so. Bha an t-òganach fo amharus
mu thimchioU nan nithe a chual e. Tha
trioblaidean agus àmhghairean ""gar cuairteach-
adh air gach taobh. Bha gorta, agus cogadh
agus plàigh, air feadh na rìoghachd. Thig an
duine aingidh gu bochdainn. — D. T.d. 19.
13. Tha plàighean agus galairean spioradail
an anama, ni's miosa na plàighean agus
galairean a' chuirp. Ni doille inntinn, agus
cruas cridhe, agus laigse cuimhne an duine
a thoirt air seacharan. Theasairg e a namh-
aid agus bha e ro-thruacant ris. Gheall
Dia sochairean mòr agus prìseil dhoibhsan a
ghluaiseas a rèir a lagha. 'Se Criosd an t-aon
eadar-mheadhonair eadar Dia agus duine.
Esan a ni gu h-amaideach gabhaidh e aith-
reachas. Chaidh e an urras air a choimhears-
nach. Tha an duine so bunaiheach 'na ghnoth-
uch fèin. Thig an duine tha treibhdhireach 'na
chridhe gu urram agus chu. Eadhon 'na
theanntachd bithidh aobhar misnich aig an
fhìrean. Thug e fuasgladh dhomh a'm'
fheum.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence