Skip to main content

‹‹‹ prev (8)

(10) next ›››

(9)
a' pheacaidh. Rinn e cùmhnant ris a tliaobli
na seirbhis. Thuit ar ceud sinnseara o'n staid.
àluinn san do chruthaicheadh iad. — C. T.d. 18.
10. Cha tig crioch air siorruidheachd. Ghoir
Dia cùmhnant nan gniomh do'n cheud choimh-
cheangal a rinn e ris an duine. Tha bàs aim-
sireil, spioradail, agus siorruidh air a thasgaidh
fa cliomhair nan daoinemi-dhiadhaidh. Chaidh
briseadh an lagha a bhagradh le peanas cruaidh.
Bithidh an creideach air a shabhaladh tre
f hìreantachd an t-Slànuighir. Tha do bhràthair
ro fhoighidneach fo a thrioblaid iarganaich.
Is muladach an ni a thachair do'n duine so.
Cuiridh àm dealachadh eadar an t-anam agus
an corp. Thoirmisg e dhomh olc a dheanamh.
Bha an t-òganach fo eagal ciod a thachaireadh
dha.
11. Ann am meadhon gàraidh Edein shuidh-
ich Dia craobh an eòlais a' mhaith agus an
uilc- Is gràineil an ni eas-umhlachd do phàr-
antaibh. Thug am breitheamh binn a mach
'na aghaidh. Tha peanas siorruidh air orduch-
adh fa chomhair an t-sluaigh neo-aithreachail.
Cha'n 'eil co-chomunn eadar solus agus dor-
chadas. Rinn an righ ìomhaigh òir. Ciod a
ta thu a"' ciallachadh leis an t-samhladh sin ì
Bha nàdur an duine fior-ghlan. Chaidh
cruthachadh an t-saoghail a choimhUonadh ann
an sè làithibh. Bheir do choluadar sòlas domh.
Na toir caidreamh do mlii-ruin. Ni bcannachd
Dhè duine beartach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence