Skip to main content

‹‹‹ prev (304)

(306) next ›››

(305)
AN T-EILEANACIl.
28^
tigheadli mu na meanglain aice a' dt^anamh àite siùil
dha. Bha bolg do mhin eorna, bolg do chnothan
calltuinn agus searrag uisge aige aims a' bhàta bha sud,
agus thug iad am Boicionnach mar ainm air. Goirid
as a dheigh sin thàinig a bhràthair car arms a' cheart
doigh air tir aig Ceann Lochspeilbh, agus thug iad an
Craicionnach mar ainm air san, agus sin agaibh am Boic-
ionnach 's an Craicionnach. Tha mi cinnteach gu 'n
euala sibh iomradh roimhe orra. B' iad sud na ceud
dhaoine a dh' ionnsaich do mhuinntir an àite so mar a
ilheanadh iad càise. Rachadh aca fhèin air im a dhean-
udh, ach cha 'n fhac iad càise riamh gus a sud. Ach
thug am Boicionnach am biuthan * a rumaich an amair,
's rinn e 'm bainne 'n a ghruth.
Ach 's iomadh ni feumail eile a dh' ionnsaich na
daoine a bh' ann a sud do mhuinntir an àite. B'e aon
dhiubh sud gu sonraichte togail bhàtaichean. Thog iad
aon tè ris an abradh iad " larach na sia ràmh." Fhuair
iad sgiobadh 's thug iad gu marachd orra letha sud.
Bha iad a' faicinn Dhiùra thall mu 'n coinneamh agus
smaoinich iad gu 'n rachadh iad a nunn a shealltuinn
de ghnè dhaoine bha chòmhnuidh ann. 'N uair a
chunnaic muinntir Dhiùra am bàta 'tighinn gu tir,
theich iad o 'n chladach, ach 'n uai^' a chunnaic iad
daoine 'leum a mach aisde, thill iad a rithist agus chuir
iad an ruaig air na coigrich, 's thug iad am bàta orra
cho luath 's a b' urrainn dhoibh. Ach ged nach deach-
aidh an oidhirp ud leo, cha robh iad a dol a thilleadh
air a' clieud chamadh corraig. Stiùir iad air Scarba 's
* A well-known herb.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence