Skip to main content

‹‹‹ prev (303)

(305) next ›››

(304)
288 AN T-EILEANACH.
a biodh do mliisnich aige 'na chaidh a mach agus gu 'n
d' fhuair e a mhaigheach air falbh mu 'n d' thàinig an
latha, cha roVjh duine fo na sj^arraibh ud a chreideadh
nach cual iad Eòghan a' Chinn Bhig. Cuir seachad
Struileag. Co thuige an dràsd i'? So a Sheumas thoir
dhuinn rud-eigin.
" Cha 'n 'eil rann no sgeulachd agamsa," ars' a
Seumas. " Taobh a mach an tighe air neo cliabh mòna
air do dhroll am màireach " " Bheir mise dhachaidh
cliabh mòna do bbean an tighe, 's mi bheir gu dearbh."
" Ma ta, cha b' e cheud uair," arsa bean an tighe. Cha
chreid mi nach cuir sinn Struileag air a h-ais gu Dòmh-
null Mac Eoghain." " An ann a rithist," arsa Dòmh-
null, "togaidhsinn am màl a chum 's gu 'm faigh an
neach a dh' fheumas da naigheachd innseadh cliabh
mona cho math ri bean an tighe fhèin. Bha uair-eigin
de 'n t-saoghal, agus feumaidh gur fada bh' uaithe,
'n uair nach robh bàta idir no ni coltach rithe ann an
eilein Mhuile, agus ged a bha iad a' faicinn saoghal eile
mar a thubhairt iad fhèin, air gach taobh dhiubh, cha
robh dòigh ac' air dol a shealltuinn gu de 'bu choslas
dhoibh. Ach air latha do na làithean chunnaic iad rud-
eigin a tighinn a stigh gu cladach Chàrsaig. Bha e
coltach ri each air snàmh agus craobh air a stobadh 'na
dhruim, agus an uair a thàinig an rud ud gu tir, leum
duine mach as a bhroinn. Chruinnich muinntir an àite
mu 'n cuairt air le urrad do dh' ioghnadh 's ged a thig-
eadh e o na rionnagan. Agus 's e an long a bh' aig a'
mharaiche a bh' ann a sud, cliabh air fhigheadh do
shlatan seilich agus seicheannan mhart air am fuaghal
tiomchioll air. Bha geug leamhain agus luachair air a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence