Skip to main content

‹‹‹ prev (152)

(154) next ›››

(153)
AN T-EILEANACH. 137
Nach beag an t-ioghnadh e ri innseadh,
D' inntinn a bhi brònach,
Cha d' rinn an nàmh ri 'n robh thu 'strith,
A leith'd do dhiol 's a' Chòr-ghleann,
Na 'n d' fhuair e stisrh.
AN T-UGHDAR.
Ach innis dhomhs' 's cha 'n iarr mi 'n còrr,
An tug ceartas a choir fèin dha,
Rinn e leith'd do dhiol air fuil 'us feoil,
'S a shònraich anns gach eucoir,
Mu dh'fhàg e 'n saoghal-s' ann an sith,
Gur ioghnadh e r' a leughadh,
An deigh gach olc a chuir e 'n gniomh,
'S mar mhill e a chomh-chreutair,
Le sannt 'us braid.
AN CALMAN.
Na chruinnich e rinn each a sgapadh,
Eadar chairt' 'us stopa,
'N uair shèid an stoirm gur ioma àit',
An robh a bhàrr 's a chònnlach,
Ged a dh' ith e cha do chnàmh,
Ged dh' fhàs e cha do dhiinlaich
Ach dh' fhàg e tim, — 'us co cho dan,
'S a dh' innseas c' àite 'n do dhiiisg e,
'N uair chaidh e steach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence