Skip to main content

‹‹‹ prev (151)

(153) next ›››

(152)
136 AN T-EILEANACH
'N uair chriochnaich maighstir Gall gach ni,
A' spioc'reachd cha do shàsaich,
Fàgaidh tusa nis an tir,
Rach do 'n chill ma 's àill leat,
Cha bhi thu 'n so,
Seall a nis an coiteir bochd,
Gun mhaoin, gun sgoil, gun Bheurla,
Gun seòl aig air an dean e bheo-shlaint',
Air aon dòigh mar dh' fheumadh,
Tha 'falbh bho 'n dorus, bean 's i torrach,
'S cruaidh a cor, 's a li-èigheach,
'Us leanabaibh lag le leineag bhig,
A' falach 'leas air èigin.
A' dol a mach.
Ach seall a nis air cor nan àrmunn,
An deigh gach càs 'us cruadal,
A tigh'n dachaidh air na trosdain,
Briste, breoite, truagh, dheth,
Gun mhaoin a chumas e bho 'n bhleid,
Gun neart, gun neach, gun chàirdean,
Le pension mar a their iad ris,
Nach ceannaicheadh min do phàisde,
'S nach biadhadh cearc.
Tha 'n deur 'n a shixil 's e sealltainn bh'uaith
Air glacan 's bruachan boidheach,
Gach coin 'us cluan a toirt an uachdar,
Làithean uallach òige,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence