Skip to main content

‹‹‹ prev (302)

(304) next ›››

(303)
AN T-EILEANACH, 287
their cuid riiinii a claunnaic e a dheanadh e, Chaidli
mise air cbrith. Thug mi sùil air an eislinn. agus bheir-
inn mo bhòid gu 'n d' thug a' chailleach aon leum aisde,
agus bha mi cinnteach gu 'm biodh an ath leum air an
ùrlar. Ghabh mi nunu air cùlthaobh m' athar agus
thubhaiit e 's e breith air làimh orm, na gabh eagal
idir, ach 's gann a chreideas mi gu 'n robh e fhein fal-
amh dheth. Bha Dòmhnull diibh, bràthair fir an
tighe, 'n a shuidha taobh an teine 's e 'dor'n a chadal,
dh' eirich e agus ghabh e sios a chatha. " A Dhòmh-
nuill," arsa fear do na bha stigh, "seachain an t-olcfad
's a sheachnas e thu." Ach ghabh DornhnulFa mach a
toirt leis ceipe o chiil an dòruis, agus cha robh e fada
mach an uair a thill e agus Eòghan air amhaich aige.
A nis mar a bhios cuimhne agaibh-se Eachainn bhiodh
daonnan gàradh math càil aig Galium Ban, agus air a'
bhliadhna bh' ann an sud bha polag bhuntata aig anns
a' ghàradh agus thoisich na radain air dol do 'n pholaig,
agus chaidh? Calum gu ruige Tigh na coiHe a dh' iarr-
aidh coingheal do thrap, feuch am beireadh e air na
radain. Ach thug te do na searbhantan dha trap mhòr
eun ann an àite trap radan agus cha'^robh fios aig
Calum fhein air na b' fheàrr, ach dh' f haodadh e bhi
cur na tiap gus am biodh e sgith cha rachadh an radan
a coir. Ach air an oidhche ud, agus tha mi cinnt-
each nach b' e 'chiad uair, thàinig maigheach a dh' ith-
eadh a' chàil aig Calum, agus a reir coslais 'n uair a
fhuair i a leoir thoisich i air sealltuinn mu 'n cuairt
oirre agus chaidh i anns an trap anns nach rachadh an
radan. Thug e aon smuid do 'n chaibe bh' aig Domh-
null dubh oirre nach itheadh i tuilleadh càil agus mar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence